Tubaist a bu choireach ri bàsan athar is a mhic an Gleann Comhann

Bha Tom Parry, 49, agus a mhac, Richie, 12, a' coiseachd ann an Gleann Comhann nuair a bhàsaich iad
- Air fhoillseachadh
Cho-dhùin rannsachadh gur e tubaist a bu choireach ri mar a fhuair athair agus a mhac bàs ann an Gleann Comhann.
Chaidh Tom Parry, 49, agus a mhac, Richie, 12, à Alsager ann an Cheshire, a mharbhadh nuair a thuit iad air Stob Coire nan Lochan air an 29mh den Chèitean 2024.
Thuirt an Coronair Anndra Barkley aig Cùirt a' Choronair ann an Stoke-on-Trent gun do bhàsaich Richie leis an fhuachd agus gun do bhàsaich athair air sgàth 's mar a chaidh a ghoirteachadh mun cheann is mun bhroilleach.
Chaidh lorg fhaighinn air an dithis an dèidh iomairt san robh 44 duine an sàs, luchd-teasairginn nam beann agus heileacoptar nam maor-cladaich.
Athair is mac a dhìth an Gleann Comhann
- Air fhoillseachadh30 An Cèitean 2024
Chaidh cuirp dhithis a lorg an Gleann Comhann
- Air fhoillseachadh30 An Cèitean 2024
Fhuair sgrùdadh mu na bàsan aca gun deach Richie a lorg na laighe san t-sneachd mu 100m air falbh bho far an robh athair agus gun robh coltas ann gun robh iad air tuiteam.
Chuala an sgrùdadh gun deach iad a dh'Alba air an 26mh den Chèitean agus gun do dh'fhòn Tom gu a bhean air an 28mh den Chèitean airson innse dhi gun robh iad am beachd a dhol suas beinn eile.
Thuirt e gun robh dùil aca a bhith air ais aig an taigh mu 9:00 an oidhche ud.
Chuir bean Mhgr Parry fios air Poileas Cheshire an ath là nuair nach do thill iad dhachaigh mar a bha dùil.
Chaidh an carbad agus stuth aca fhaighinn ann am Pàirc-chàraichean an Triùir Pheathraichean ann an Gleann Comhann.