Tidsear Gàidhlig ga lorg airson cor na Gàidhlig a neartachadh an Cataibh

Diùranais, Cataibh Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bho chionn beagan agus 100 bliadhna bha a' Ghàidhlig aig còrr math air 80% den t-sluagh an Cataibh

LeMàiri Riddoch
BBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' sireadh neach-teagaisg Ghàidhlig do dhà sgoil ann an Cataibh far an robh uair an cànan gu math làidir agus far nach eil foghlam tron Ghàidhlig ga thabhainn an-diugh an àite sam bith.

Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh san t-sanas-obrach aca gun toir "dreuchd teagaisg ùr ann an Cataibh spionnadh do dh'oidhirpean gus a' Ghàidhlig a neartachadh san sgìre".

Bidh an tidsear a' teagasg Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh am Bun-sgoil agus Àrd-sgoil Fàrr sa Bhlàran Odhar.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd: "Thathar an dòchas gun toir tidsear ùr misneachd do bhuidhinn ùir de luchd-ionnsachaidh agus gum bi cothrom ann uair eile teisteanasan Gàidhlig fhaighinn."

Tha suidheachadh na Gàidhlig air lagachadh gu mòr ann an Cataibh, sgìre a bha uair air a meas mar an t-siorramachd a bu làidire an Alba air fad airson na Gàidhlig.

A rèir a' chunntais-shluaigh mu dheireadh ann an 2024, cha robh an cànan ach aig 5%.

Tha oidhirp air a bhith a' dol aig ìre na coimhearsnachd bhon uairsin feuch cor na Gàidhlig san sgìre a leasachadh.

Chaidh a' bhuidheann Gàidhlig ann an Cataibh a stèidheachadh, is tha tachartasan air a bhith aca.

Chuir a' bhuidheann fàilte air an naidheachd gu bheilear a' sireadh tidseir.

Tha Comann nam Pàrant air a bhith a' cumail taic ri luchd-iomairt an Cataibh.

Thuirt Innes MacCuithein bho Chomann nam Pàrant: "Taobh a-staigh Comhairle na Gàidhealtachd 's e briseadh-dùil a th' ann nach eil foghlam Gàidhlig ann an-dràsta.

"Tha e gu math cudromach a bhith a' gluasad air adhart a-nis agus coimhead air na diofar sgìrean agus faighinn a-mach càite a bheil na h-iarrtasan," thuirt e.

Feumar sealltainn gu bheil còignear phàistean bhon aon bhliadhna-sgoile a tha ag iarraidh foghlaim Ghàidhlig a bhith air a stèidheachadh airson iarrtas a chur gu ùghdarras ionadail.

Tha Fiona NicLeòid, aig a bheil clann a rinn FtMG is a tha i fhèin gu mòr an sàs sa bhuidhinn Gàidhlig ann an Cataibh, ag ràdh gu bheil e uaireannan duilich agus àireamh nan sgoilearan cho ìosal.

"'S dòcha nach bi còignear sgoilearan ann am bliadhna-sgoile fiù 's airson Beurla, mar sin tha mi a' smaoineachadh gum feumar barrachd sùbailteachd a thaobh nan àireamhan."

Tha i ag ràdh gu bheil clann ann an Cataibh "air an cothrom air Gàidhlig a chall airson 11 bliadhna", ach gum bi pàrantan ag innse dhi gum bu mhiann leotha gum bi roghainn aca.

Tha i a' cur fàilte air an naidheachd gu bheil tidsear Gàidhlig ga shireadh ach b' fheàrr leatha gum faigheadh sgoiltean eile buannachd às.

Fiona NicLeòid

Tha i den bheachd gum biodh e air a bhith comasach Àrd-sgoil Cheann Loch Biorbhaidh agus na bun-sgoiltean a tha ga biathadh a chur mar phàirt den obair ùir.

"Dh'fhosgladh sin cothroman do mhòran a bharrachd chloinne," thuirt i.

Tha Fiona ag ràdh gu bheil i cinnteach gu bheil iarrtas air foghlam Gàidhlig san sgìre, an dà chuid FtMG agus do luchd-ionnsachaidh.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil e mar amas aca a bhith a' brosnachadh fàis ann am foghlam Gàidhlig an Cataibh.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad ag obair còmhla ri buidhnean leithid Fèisean nan Gàidheal gus blasad de Ghàidhlig a thoirt seachad gu 18 sgoiltean sa cheann a tuath.

Trending Now