Sgeadachadh £1m air taigh-feachd far am fuirich luchd-siridh comraich

Chaidh Gearastan nan Camshronach a thogail o chionn 140 bliadhna ann an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh
Thèid obair sgeadachaidh luach £1m a dhèanamh air ionad airm ann an Inbhir Nis mar phàirt de phlana airson mu 300 neach-siridh comraich a chumail ann.
Thuirt Oifis na Dùthcha gu bheil còmhraidhean a' dol gus Gearastan nan Camshronach agus campa trèanaidh airm ann an Sussex a chleachdadh mar àiteachan-fuirich do luchd-siridh comraich.
Tha an cùmhnant a' toirt buaidh air mu 12 togalach aig an taigh-feachd, a tha faisg air meadhan baile Inbhir Nis 's a chaidh a thogail o chionn 140 bliadhna.
Thog comhairlichean aig Comhairle na Gàidhealtachd agus Riaghaltas na h-Alba dragh mu cho freagarrach 's a tha an làrach.
Tha grunn togalaichean cloiche a' dèanamh suas an taighe-feachd, a th' air a chlàradh aig Ìre B.
B' ann ann a bha Camshronaich Ghàidhealach na Banrigh Fhèin stèidhichte bho 1886 gu 1960, 's bhon uair sin tha an t-arm air a bhith ga chleachdadh.
Chaidh pàirtean den làraich a chleachdadh mar àiteachan-fuirich do dhaoine à Afganastan o chionn ghoirid.

Dhearbh Oifis na Dùthcha na planaichean aca airson Gearastan nan Camshronach
Fon chùmhnant dheadh na h-ùrlaran, na ballachan, mullaichean nan seòmraichean agus dorsan a ghlanadh, le duslach is lìn damhan-allaidh a thoirt air falbh.
Bheirear air falbh dealbhan, sgeadachaidhean, soidhnichean agus bùird-sanais a th' ann an-dràsta.
Bidh ceist ann mun chlàr-ama is Sir Keir Starmer air a radh Dimàirt gum biodh luchd-siridh comraich a' fuireach ann an ionadan-airm ro dheireadh na bliadhna.
Dhearbh Oifis na Dùthcha gu bheil an taigh-feachd na phàirt den phlana aca stad a chur air cleachdadh thaighean-òsta airson luchd-siridh comraich a chumail.
"Tha an dearg-chaothach oirnn mu na th' ann de dh'imrichean mì-laghail a tha a' fuireach ann an taighean-òsta," thuirt labhraiche.
"Dùinidh an riaghaltas seo a h-uile taigh-òsta sa bheil luchd-siridh comraich a' fuireach. Tha obair air tòiseachadh, le làraichean nas fhreagarraiche gan toirt air adhart 'son cuideam a thoirt far choimhearsnachdan."
"Tha sinn ag obair gu dlùth le ùghdarrasan ionadail, uachdarain agus tarsainn an riaghaltais gus cabhag a chur air gnothaichean."
Thuirt Oifis na Dùthcha gum biodh cùmhnantan air luchd-siridh comraich gum feumadh iad nochdadh air ais aig an ionad gach oidhche.
Thuirt iad gum feumadh gach làrach cumail ri inbhean sàbhailteachd, tèarainteachd, slàinte is sunnd.
Dragh mu luchd-siridh comraich a bhith a' fuireach an làrach airm an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh28 An Dàmhair 2025
Làraichean airm gan cleachdadh airson luchd-siridh comraich?
- Air fhoillseachadh28 An Dàmhair 2025
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd, a chumas coinneamh shònraichte mu na planaichean an ath-sheachdain, gur e an tuisge acasan gun tèid Gearastan nan Camshronach a chleachdadh aig diofar amannan mar àite-fuirich shealadach.
Thog Fear-Gairm na Comhairle, an comhairliche neo-eisimeileach Bill Lobban, Ceannard na Comhairle Rèamonn Bremner aig an SNP, agus ceannard Lib Deamach na Comhairle, Alasdair Christie, dragh mun phlana.
Ann an co-bhrath, thuirt iad: "'S e an dragh as motha a th' oirnn a' bhuaidh a bheir am moladh seo air co-tharraing na coimhearsnachd, leis na h-àireamhan air a bheileas a' bruidhinn an-dràsta.
"'S e coimhearsnachd a th' ann an Inbhir Nis a tha cuimiseach beag, ach tha coltas nach deach beachd a thoirt air a' bhuaidh a dh'fhaodadh seo a thoirt gu h-ionadail agus air Ghàidhealtachd nas fharsainne le Riaghaltas Bhreatainn."
Deasbad poileataigeach
Chaidh an suidheachadh a thogail an dà chuid aig Westminster is Holyrood Diciadain.
Chuir am BP Lib Deamach Aonghas Dòmhnallach ceistean air adhart anns na Cumantan is e a' faighneachd carson nach robh e fhèin, Riaghaltas na h-Alba is Comhairle na Gàidhealtachd air fios fhaighinn ro-làimh.
Thuirt Mgr Dòmhnallach nach robh e a' tuigsinn carson a bha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson luchd-siridh comraich a ghluasad a-mach à taighean-òsta ann am meadhan bhailtean is an uairsin cuid a chur a dh'àite eile ann an Inbhir Nis a tha glè fhaisg air meadhan a' bhaile.
"'S e gu ìre mhòir an aon rud a th' ann," thuirt Mgr Dòmhnallach.
Thuirt Ministear Oifis na Dùthcha, Alex Norris, gun robh e a' tuigsinn carson a bha mì-thoileachas ann is ghabh e ris gun robh còir aig Mgr Dòmhnallach fios fhaighinn ron seo.
Gheall e gun coinnich e ris is thuirt e gu bheil na h-oifigich aige air a bhith a' bruidhinn ri Riaghaltas na h-Alba is ùghdarrasan ionadail.
Dh'innis e gu bheil Oifis na Dùthcha an-còmhnaidh a' coimhead air an t-suidheachadh ionadail nuair a tha iad a' taghadh làraichean.
Thog e cuideachd air mar a bha Gearastan nan Camshronach air a chur gu feum bho chionn ghoirid mar àite-fuirich do dh'Afghanaich a bha roimhe air feachdan Bhreatainn a chuideachadh.
Ann am Pàrlamaid na h-Alba thuirt am BPA Gàidhealach Tòraidheach Èideard Mountain gu bheil draghan mòra ann mun bhuaidh a bheireadh seo air seirbheis na slàinte ann an Inbhir Nis "a tha mar-thà fo uallach".
Fhreagair Rùnaire a' Cheartais Shòisealta, Shirley-Anne Somerville, gu bheil Alba a' cur fàilte air luchd-siridh comraich ach gu bheil i a' tuigsinn carson a tha draghan air nochdadh gu h-ionadail "air sgàth 's mar a chaidh seo fhoillseachadh".
Tha i ag ràdh gu bheil i air sgrìobhadh gu Rùnaire na Dùthcha a shireadh gealltanais mu na seirbheisean a bhios ri fhaighinn dha daoine aig an làraich, is gu bheil e deatamach gum bi co-obrachadh ann eadar riaghaltasan is ùghdarrasan ionadail.
Bha eas-aonta ann eadar an dithis a thaobh dè fios a bha aig Riaghaltas na h-Alba mun chùis.
Thuirt Shirley-Anne Somerville gun d' fhuair i a-mach mu na planaichean anns na meadhanan Dimàirt, is gun robh i air fiosrachadh iarraidh air a' mhìos seo chaidh nuair a chuala oifigich gum faodadh seo tachairt.
Thuirt Mgr Mountain gun robh seo doirbh a thuigsinn is Alex Norris air a ràdh gun robh na h-oifigich aigesan air a bhith a' bruidhinn ri Riaghaltas na h-Alba is ùghdarrasan ionadail.