"Conaltradh a dhìth" mu phlanaichean do Ghearastan nan Camshronach

- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh gun dèan Oifis na Dùthcha conaltradh leotha a thaobh nam planaichean aca Gearastan nan Camshronach a chleachdadh mar dhachaigh airson luchd-siridh comraich.
Tha seo a' tighinn às dèidh eas-aonta a thaobh a bheil cead HMO a dhìth gus an làrach a chleachdadh anns an dòigh seo.
Chan eil Oifis na Dùthcha a' gabhail ris gu bheil a leithid a dhìth, 's iad ag ràdh gun robh an làrach air a chleachdadh airson sgeama airson taic a thoirt do theaghlaichean Afganach far nach robh feum air cead HMO.
Ceistean às ùr mu Ghearasdan nan Camshronach
- Air fhoillseachadh6 An Gearran
Dragh mu luchd-siridh comraich a bhith a' fuireach an làrach airm an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh28 An Dàmhair 2025
Thàinig na planaichean airson Gearastan nan Camshronach a chleachdadh airson luchd-siridh comraich am follais san Dàmhair an-uiridh.
Bha dùil gum biodh timcheall air 300 luchd-siridh comraich a' fuireach ann aig diofar amannan.
Ach, gu ruige seo, cha deach an làrach a chleachdadh airson luchd-siridh comraich.
Tha Oifis na Dùthcha ag ràdh gu bheil iad fhathast a' dèanamh measaidh air Gearastan nan Camshronach feuch dè cho freagarrach 's a bhiodh e airson cleachdadh den t-seòrsa seo.