Ceistean às ùr mu Ghearasdan nan Camshronach

Gearasdan nan Camshronach
  • Air fhoillseachadh

Thuirt dithis de bhuill-phàrlamaid na Gàidhealtachd gur dòcha nach eil cead-dealbhachaidh mar bu chòir aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson luchd-siridh comraich a chur a dh'fhuireach ann an Gearasdan nan Camshronach ann an Inbhir Nis.

Tha am BPA neo-eisimeileach Fearghas Ewing agus am BPA Tòraidheach Èideard Mountain ag ràdh gum biodh feum fo lagh na h-Alba cead fhaighinn bho Chomhairle na Gàidhealtachd gus cleachdadh an togalaich atharrachadh bho ghearastan gu ostail - ma tha e gu bhith air a chleachdadh airson nas fhaide na sia mìosan.

Tha dùil fon phlana aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gum bi luchd-siridh comraich a' fuireach ann fad bliadhna.

"Tha dragh an seo - chan ann stèidhichte air gràin-chinnidh ach air ceistean mu shàbhailteachd aig ìre na coimhearsnachd - is tha an dragh sin pailt gu leòr ann an Inbhir Nis," thuirt Fearghas Ewing.

"Tha mi air faighinn a-mach gu bheil e cha mhòr cinnteach nach urrainn do dh'Oifis na Dùthcha a dhol air adhart mura faigh iad cead-dealbhachaidh an toiseach gus cleachdadh Gearasdan nan Camshronach atharrachadh bho ghearastan gu taigh-òsta/ostail.

"'S dòcha nach eil tuigse aca air an seo oir ann an Sasainn cha bhiodh cead-dealbhachaidh a dhìth orra gus gearastan a chleachdadh fad bliadhna".

Tha Mgr Mountain cuideachd air a bhith a' sgrudadh nan riaghailtean dealbhachaidh.

"Tha lagh na h-Alba soilleir - a thaobh cleachdaidh èiginn chan urrainn dhut àite a chur gu feum ach airson sia mìosan às aonais cead-dealbhachaidh fhaighinn.

"Ann an Sasainn tha e diofraichte, tha e nas fhaide".

Campa CrowboroughTùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Campa Crowborough ann an Sasainn far a bheil cuid de luchd-siridh comraich a-nise a' fuireach

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iadsan den bheachd gu bheil feum air cead HMO (house in multiple occupancy) ach nach eil e cinnteach fhathast am biodh feum cuideachd air cead-dealbhachaidh.

"Bha còmhraidhean againn aig ìre thràth ri Oifis na Dùthcha mun seo ach cha d'fhuair sinn iarrtas HMO gu seo," thuirt an t-ùghdarras ionadail.

"Tha sinn a' feitheamh dearbhadh bho Oifis na Dùthcha le fiosrachadh mionaideach mu na planaichean aca mus bi fios a bheil feum air cead-dealbhachaidh".

Chaidh Gearasdan nan Camshronach ainmeachadh an-uiridh a thuilleadh air Campa Crowborough ann an Sussex mar phàirt de phlanaichean an riaghaltais gus taighean-òsta comraich a dhùnadh.

Bhiodh 300 fireannach stèidhichte ann an Inbhir Nis is 500 ann an Crowborough.

Tha na h-uimhir de chonnspaid air a bhith ann an Inbhir Nis agus ann an Sussex mun t-suidheachadh.

San Dùbhlachd bha iomairtean ann an Inbhir Nis an dà chuid aig buidhnean a tha airson is an aghaidh nam planaichean.

Ged a ghluais cuid de luchd-siridh comraich a-steach gu Campa Crowborough aig deireadh an Fhaoillich, cha deach Gearasdan nan Camshronach a chur gu feum fhathast.

Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte Diardaoin gu bheil còmhraidhean a' dol air adhart a thaobh Gearasdan nan Camshronach a chur gu feum, is gu bheil iad an-dràsta a' dèanamh measaidh air cho freagarrach 's a tha an goireas.

Tha iad ag ràdh gun tèid a h-uile taigh-òsta comraich a dhùnadh.

Trending Now