"Dùbhlain ùra" an cois plana comaraichean a chur a dh'Inbhir Nis

'S e làrach-fastaidh a th' ann an Gearastan nan Camshronach a thogadh bho chionn 140 bliadhna
- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil molaidhean luchd-siridh comraich a ghluasad gu Gearastan nan Camshronach an Inbhir Nis a' toirt dhaibh "dùbhlain ùra agus toinnte".
Thèid an t-ionad airm a chleachdadh mar àite-còmhnaidh rè ùine do thimcheall air 300 fireannach agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson taighean-òsta comraich a dhùnadh.
Bha teaghlaichean Afgànach roimhe air an cur a dh'fhuireach air an làraich-fastaidh,140 bliadhna de dh'aois, faisg air meadhan baile Inbhir Nis.
Air thoiseach air coinneamh shònraichte Diardaoin, thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun robh molaidhean Oifis na Dùthcha eu-coltach ri sgeamaichean ath-thuineachaidh ris an do dhèilig an t-ùghdarras roimhe.
Dragh mu luchd-siridh comraich a bhith a' fuireach an làrach airm an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh28 An Dàmhair 2025
"Caitheamh airgid" brataichean a thoirt a-nuas an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh31 An Dàmhair 2025
Sgeadachadh £1m air taigh-feachd far am fuirich luchd-siridh comraich
- Air fhoillseachadh29 An Dàmhair 2025
An t-seachdain a chaidh, chaidh Ministear Stàite aig Oifis na Dùthcha Alex Norris a chruaidh-cheasnachadh mu cho freagarrach 's a bha an gearastan.
Thuirt Mgr Norris gun dèanadh iad oidhirp a' bhuaidh air a' choimhearsnachd a lùghdachadh agus gun robh tèarainteachd an luchd-còmhnaidh ionadail na phrìomhachas dhaibh.
Thuirt e gun robh na h-oifigich aige air bruidhinn ri Riaghaltas na h-Alba agus daoine sa sgìre a tha a' lìbhrigeadh sheirbheisean.
"Ceistean cudromach"
San aithisg don lan-chomhairle Diardaoin, mhol oifigearan Comhairle na Gàidhealtachd gun sgrìobhadh an t-ùghdarras gu Oifis na Dùthcha a' sireadh "soillearachaidh cho luath 's a ghabhas" air na molaidhean.
Thuirt na h-oifigearan: "Tha fiosrachadh a dhìth a thaobh dè tha molaidhean Oifis na Dùthcha a' ciallachadh, le ceistean cudromach mu mar a ghabhas an cur an gnìomh, sàbhailteachd coimhearsnachd agus a' bhuaidh air seirbheisean ionadail.
"Tha a' Ghàidhealtachd a-riamh a' cur fàilte orrasan a tha a' sireadh dachaigh shàbhailte, ach chan eil molaidhean Oifis na Dùthcha coltach ri sgeamaichean ath-thuineachaidh a bha ann an seo roimhe agus tha iad a' toirt dhuinn dùbhlain ùra agus toinnte."

Thuirt Rùnaire a' Cheartais Shòisealta Shirley-Anne Somerville gun robh "grunn cheistean rim freagairt" fhathast mu na planaichean
Tha Rùnaire a' Cheartais Shòisealta Secretary Shirley-Anne Somerville ag iarraidh gum bi mìneachadh a bharrachd air a' bhuaidh a bhiodh air seirbheisean slàinte, obair nam poileas agus seirbheisean ionadail eile an cois luchd-siridh comraich a bhith a' fuireach an Inbhir Nis.
Thuirt i: "Feumaidh Oifis na Dùthcha soillearachadh a thoirt dhuinn le cabhag gus stad a chur air fiosrachadh ceàrr bho bhith a' sgaoileadh sa choimhearsnachd an Inbhir Nis.
"Tha Alba a' cur fàilte air fògarraich is luchd-siridh comraich ach tha e riatanach gum faighear fiosrachadh soilleir bho Oifis na Dùthcha mun bhuaidh air seirbheisean ionadail."
Thuirt neach-labhairt Oifis na Dùthcha: "Tha sinn feargach mu na tha de dh'inimrichean mì-laghail agus taighean-òsta comraich.
"Tha an riaghaltas seo a' dol a dhùnadh gach taigh-òsta comraich. Tha an obair a' dol gu math gus inimrichean mì-laghail a ghluasad gu ionadan-airm gus nach bi uimhir de dh'uallach air coimhearsnachdan air feadh na dùthcha.
Thuirt iad: "Tha sinn ag obair gu dlùth le ùghdarrasan ionadail, luchd-seilbh thogalaichean agus riaghaltasan airson na h-amasan seo a thoirt gu buil nas luaithe."