Hebridean Baker air adhart 'son duais Fortnum & Mason

Coinneach MacLeòidTùs an deilbh, Gavin Hopkins/Caledonia TV
Fo-thiotal an deilbh,

Buinidh Coinneach do Chro Mòr ann an Leòdhas

  • Air fhoillseachadh

Chaidh prògram Gàidhlig Hebridean Baker: Eileanan Nòrdach a chur air adhart airson duais a' Phrògraim as Fheàrr aig Duaisean Bìdh is Deoch Fortnum & Mason.

Air fhaicinn mar thè de na duaisean as cliùitiche ann am meadhanan a' bhìdh, tha an duais airson sàr-mhaitheis air feadh craoladh, sgrìobhadh agus cruthachadh susbaint.

Air a dhèanamh leis a' chompanaidh Caledonia TV, bha am prògram a' leantainn Choinnich MhicLeòid 's e a' tadhal air diofar eileanan anns na dùthchannan Nòrdach, 's e a' blasadh 's ag ionnsachadh mu chultar bìdh is fuinne nan diofar eileanan.

Coinneach MacLeòidTùs an deilbh, Gavin Hopkins/Caledonia TV

Thadhail e air Eileanan Lofoten ann an Nirribhidh, Gotland san t-Suain, Bornholm san Danmhairg, agus air na h-Eileanan Fàrach, a' faighinn rudan a bh' aig muinntir nan àitichean sin agus Coinneach fhèin, mar eileanaich, ann an cumantas.

"'S e urram dha-rìribh a th' ann a bhith air mo chur air adhart airson duaisean cliùiteach Fortnum & Mason," thuirt Coinneach MacLeòid.

"Tha e a' ciallachadh an t-uabhas sreath Gàidhlig fhaicinn air aithneachadh air an àrd-ùrlar seo, agus tha e nas sònraichte buileach a bhith ag aithneachadh gu bheil leithid Stanley Tucci agus Tom Kerridge am measg na th' air an duais a bhuannachadh roimhe."

Hebridean Baker: Eileanan Nòrdach

Coinneach MacLeòid a' tadhal air eileanan Nòrdach a dh'fhaighinn a-mach mun chultar bhìdh is fuinne aca.

Buinidh Coinneach do Chro Mòr air na Lochan ann an Leòdhas, agus tha e a' fuireach faisg air an Òban.

Tha na leabhraichean còcaireachd aige a' reic gu h-eadar-nàiseanta, agus e tric a' nochdadh air telebhisean a' BhBC, ITV, CBS agus companaidhean eile.

Thèid na duaisean thoirt seachad aig cuirm aig an Royal Exchange ann an Lunnainn Diardaoin an 30mh den Ghiblean, 's na toraidhean air am foillseachadh an ath là.

Trending Now