Rabhadh gum feum meatairean dealain a bhith air an atharrachadh cho luath 's a ghabhas

Meatair dealain
  • Air fhoillseachadh

Chuir Tighean Innse Gall rabhadh èiginneach a-mach gu dachannan anns na h-Eileanan Siar aig a bheil meatairean RTS fhathast an atharrachadh cho luath 's a ghabhas is obair gus an cuir dheth buileach a' tòiseachadh bhon ath-mhìos.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gum faodadh dachannan am bùrn agus an teas aca a chall mura h-eil iad air meatair ùr fhaighinn.

Tha e air a thuairmeas gu bheil timcheall air 700 dachaigh anns na h-Eileanan Siar fhathast a' cleachdadh nam meatairean.

Leanaidh an obair gus an t-seirbheis, a tha air a bhith ann bho na 1980an, a chur dheth bhon ath-mhìos gu dèireadh na h-Ògmhios.

"Tha e deatamach gun cuir duine sam bith aig a bheil meatair RTS fios air a' chompanaidh chumhachd aca gus fear ùr a chur air dòigh", thuirt Ciorstaidh NicLeòid, Manaidsear Comhairleachaidh na Cumhachd aig Tighean Innse Gall.

"Tha fios againn gu bheil taighean ann agus chan eil fhios aca gur e meatair RTS a th' aca, no nach eil air càil a dhèanamh mu dheidhinn fhathast.

"Tha sinn ag iarraidh air coimhearsnachdan a bhith mothachail air nàbaidhean, caraidean agus teaghlach a dh'fhaodadh a bhith feumach air taic."

Tha Tighean Innse Gall ag iarraidh air duine sam bith a tha a' smaoineachadh gu bheil meatair RTS aca, no aig a bheil ceistean, fios a chur thuca, taobh a-muigh.

Trending Now