CnES a' reic làraidh-sgudail a chosg £456,000 a bha ga cleachdadh beagan mhìosan

- Air fhoillseachadh
Reicidh Comhairle nan Eilean Siar làraidh-sgudail dealain a b' fheudar dhaibh sgur a chleachdadh dìreach mìosan an dèidh dhaibh a ceannach air £456,000.
Cheannaich a' chomhairle an t-inneal a' cleachdadh granta bho Zero Waste Scotland ann an 2023, ach thugadh a-mach à seirbheis i san Fhaoilleach 2024 ri linn trioblaid.
Thàinig maill air obair-càraidh nuair a chaidh a' chompanaidh bhon do cheannaich iad an làraidh ann an rianachd.
Thèid a-niste a reic aig rùp, a thuilleadh air làraidh-sgudail diesel a fhuair iad on dearbh chompanaidh ann an 2022 's a chaidh a thoirt a-mach à seirbheis an dèidh sia mìosan ri linn trioblaidean.
'S e CnES a' chiad ùghdarras ionadail am Breatainn a nì connadh à sgudal
- Air fhoillseachadh17 An Dùbhlachd 2024
Dragh anns na Hearadh mu sheirbheis an sgudail
- Air fhoillseachadh20 An Cèitean 2021
Thuirt aithisg a rinneadh do chomataidh na còmhdhail 's a' bhun-structair aig a' chomhairle nach robh e air a bhith eaconomach slige ùr agus siostam ùr airson binichean a thogail a chur ris a' charbad diesel.
Thuirt an aithisg gun robh an carbad dealain air a bhith aig a' chompanaidh a rinn an chassis bhon Fhaoilleach 2025, le dùil gun cosgadh e £150,000 a chàradh, gun ach "beag-ghealltanas" gum fàgadh an obair earbsach i san àm ri teachd.
Thuirt oifigich nach gabhadh na cosgaisean fhaighinn air ais bhon chompanaidh leis gu bheil iad ann an rianachd.
Thuirt an aithisg gun robh am plana na carbadan a reic aig rùp, a thuilleadh air aonadan nas sine nach gabh càradh gu h-eaconomach, na phàirt de dh'ath-sgrùdadh nas fharsainne air na carbadan a th' aca.
Cheannaich a' chomhairle làraidh-sgudail ùr o chionn ghoirid, 's iad cuideachd a' faighinn dhà eile air màl.