Fòram nan Eilean ga dhùnadh

Choinnich am Fòram ann an Steòrnabhagh ann an 2023
- Air fhoillseachadh
Chaidh cur às de dh'Fhòram nan Eilean, iomairt le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte leis an amas còmhraidhean a bhrosnachadh mu shuidheachadh sgìrean eileanach na dùthcha.
Bha e air a stèidheachadh ann an 2022, nuair a choinnich e ann an Arcaibh, agus choinnich e trì tursan an-dèidh sin uile gu lèir.
Bha ùghdarrasan ionadail agus ministearan bho air feadh na Rìoghachd Aonaichte an sàs sa bhuidhinn, nam measg, comhairlean Arcaibh, Shealtainn agus nan Eilean Siar.
B' e am beachd air an deach a stèidheachadh gum faoidte dèiligeadh ri cuid de na trioblaidean a bhios a' toirt buaidh air eileanan, leithid ceanglaichean, taigheadais agus lùghdachadh charbon, còmhla.
Fòram nan Eilean a' coinneachadh ann an Leòdhas
- Air fhoillseachadh9 An Dàmhair 2023
Fòram nan Eilean a' coinneachadh ann an Steòrnabhagh. Bhideo, 00:03:46
- Air fhoillseachadh10 An Dàmhair 2023
Bha feadhainn a bha na aghaidh ga chàineadh mar rud nach d' fhuair air mòran a choileanadh, ach thuirt cuid de na h-ùghdarrasan ionadail a bha an sàs gur e briseadh-dùil a th' ann gu bheil e a' tighinn gu ceann.
"Bha e a' ceadachadh malairt mhòr le ro-innleachdan airson dèiligeadh ris na dùbhlain seo," thuirt leas-cheannard Comhairle Arcaibh, Sandy Cowie.
"Mar sin dheth tha cothrom a t-uabhas de dh'adhartas a bhith ann, ach chan eil sin ann tuilleadh.
"Tha sinn a-niste a' feitheamh feuch an tèid dad coltach ris a chur na àite, ach aig an ìre seo, feumaidh mi a ràdh nach eil mi dòchasach."
Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil iad airson is gu dèan na h-eileanan cho math 's as urrainn dhaibh, agus iad ag aithneachadh gu bheil e cudromach gun tèid an guthan a chluinntinn.