Rùnaire Slàinte: dreuchdan gan lìonadh san Eilean Sgitheanach

- Air fhoillseachadh
Thuirt Rùnaire na Slàinte Niall Gray ri buill-phàrlamaid Albannach gu bheil NHS na Gàidhealtachd air dreuchdan a lìonadh aig Ospadal Phort Rìgh.
Tha buaireadh air a bhith ann mu chùram chabhagach 24/7 ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich.
Thuirt Mgr Gray, a bha am Port Rìgh anns an Lùnastal, gum bi barrachd àrd-nursaichean (ANP) ann an dreuchdan ro dheireadh na bliadhna.
Cuideachd, thuirt e gun deach ceannard sgioba airson cùram cabhagach ann am Port Rìgh agus an Àth Leathann fhastadh air an 8mh dhen t-Sultain.
Ann an teachdaireachd gu Pàrlamaid na h-Alba, thuirt Mgr Gray gun robh e a' tuigsinn an dragh a bh' air eileanaich mu chuid de sheirbheisean.
Tha e cuideachd ag ràdh gu bheil NHS na Gàidhealtachd a' feuchainn ri earbsa a thogail às ùr le coimhearsnachdan ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich.

Rùnaire na Slàinte ann am Port Rìgh san Lùnastal.
Thuirt Mgr Gray gun cuireadh Riaghaltas na h-Alba taic ris a' bhòrd slàinte a thaobh na h-obrach ann am Port Rìgh.
Thuirt e gun robh am bòrd slàinte air a bhith a' toirt piseach air cùisean an sin mar a mhol aithisg neo-eisimeileach Sir Lewis Ritchie a chaidh fhoillseachadh ann an 2018.
Thuirt Rùnaire na Slàinte ge-tà gun robh Covid air maill a chur air adhartas sam bith agus gun deach cuid de sheirbheisean "air ais" air leasachaidhean sam bith a bh' air tachairt.
Chuala buill cuideachd gun deach 6,000 billeag pàipeir a sgaoileadh am measg thaighean anns an Eilean le fiosrachadh air mar a gheibhear seirbheisean slàinte eadar-dhealaichte an sin, tro NHS24 cuideachd.
Tha a' bhuidheann Skye SOS-NHS ag ràdh nach eil càil ùr anns na thuirt Rùnaire na Slàinte.
Tha iad ag ràdh nach eil seirbheis ga toirt seachad a là sa dh'oidhche mar a chaidh cumail a-mach, 's gu bheil mì-chinnt air daoine cuin a tha cùram ri fhaighinn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh30 An t-Iuchar 2025

- Air fhoillseachadh16 An Lùnastal 2024

- Air fhoillseachadh14 An Cèitean 2024
