"Nì mi mo dhìcheall às leth muinntir nan Eilean"

Martin Joyce, Àrd-oifigear Comhairle nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Màrtainn Joyce ag ràdh gu bheil "coimhearsnachdan seasmhach a stèidheachadh" am measg nan amasan aige

  • Air fhoillseachadh
LeAilig John Moireasdan
Fear-naidheachd

Tha Àrd-oifigear ùr Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gum bi na h-uimhir de "dhùbhlain agus chothroman" ron sgìre san àm ri teachd.

Chaidh ainmeachadh san Dùbhlachd an-uiridh gur e Màrtainn Joyce a ghabhadh àite Malcolm Burr a bha san dreuchd airson còrr is 20 bliadhna.

Thòisich Mgr Joyce bho chionn trì seachdainnean agus, sa chiad agallamh aige le BBC Naidheachdan, tha e ag ràdh gu bheil an t-ùghdarras ionadail na "bhuidheann spionnmhor a tha a' dèanamh na h-uimhir de dh'obair mhath".

'S e fàs a thoirt air àireamh sluaigh nan Eilean Siar fear de na prìomhachasan aige.

Tha e a' faicinn nan cothroman an cois a' ghnìomhachais ath-nuadhachail ach cuideachd mar a bheireadh sin buaidh air taigheadas agus seirbheisean slàinte.

Tha e cuideachd an dòchas gun gabh spionnadh às ùr a chur san iomairt airson Ùghdarras Singilte Eileanach nuair a bhios riaghaltas ùr an Dùn Èideann.

Às dèidh nam bliadhnaichean de ghearraidhean buidseit comhairle tha e den bheachd gu bheil "crathadh siostaim a bheir a-steach airgead a bharrachd" a dhìth.

'S e cho teann 's a tha buidseatan na roinne poblaich fear de na dùbhlain as motha a bhios roimhe, tha e ag ràdh.

Tha e an dòchas gun gabh gluasad air adhart le bhith a' stèidheachadh Ùghdarrais ShingiliteEileanaich an dèidh taghadh na Pàrlamaid Albannaich sa Chèitean.

Thuirt Mgr Joyce: "Tha ùghdarrasan ionadail air a bhith a' feuchainn fad ùine mhòir ri sàbhalaidhean a dh'fheumas iad a dhèanamh agus tha sin a' sìor fhàs dùbhlanach leis gu bheil sreath sheirbheisean riatanach a dh'fheumas sinn lìbhrigeadh.

"Nuair a smaoinicheas sinn air cho teann 's a tha buidseatan san roinn phoblaich tha mi a' smaoineachadh gu bheil barrachd co-obrachaidh agus èifeachdais a dhìth gus seirbheisean a thoirt seachad."

Tha e a' faicinn gum faodadh cothroman nach beag a bhith ann don sgìre an còis obair ath-nuadhachail an deidh càball-mara dealain ùr a bhith air a thogail eadar Leòdhas agus tìr-mòr.

"Bheir e dùbhlain cuideachd a thaobh taigheadais agus na dh'fheumar de luchd-obrach airson a h-uile càil sin a lìbhreagadh," thuirt e.

Tha e cuideachd a' faicinn nan cothroman a dh'fhaodadh thighinn an cois phròiseactan calpa mar Chùmhnant Fàs nan Eilean agus am prògram Pride in Place.

Ge-tà, 's e stad a chur air crìonadh an t-sluaigh agus "coimhearsnachdan seasmhach a stèidheachadh" 's dòcha an obair as riatanaiche roimhe.

Thuirt e: "A' cosg airgid air goireasan math a dh'iarras daoine airson dèanamh cinnteach gu bheil sinn deiseil airson teaghlaichean ùra neo daoine eile a bu mhiann a thighinn a dh'fhuireach sna h-eileanan."

Tha e ag ràdh gum feum plana thairis air an fhad-ùine a bhith ann "nuair a thig e gu taigheadas, fàs a thoirt air àireamh an t-sluaigh, a bhith ag obair còmhla ri colaistean, cothroman don òigridh air taigheadas agus trèanadh gus am bi cothroman aca an seo".

"Taing mhòr dhuibh airson earbsa a chur annam"

Mus tàinig e a Leòdhas bha Mgr Joyce ag obair mar Stiùiriche an Ath-ùrachaidh aig a' bhuidhinn Clyde Gateway.

Ge-tà, chuir e eòlas air na h-eileanan an toiseach nuair a bha e na stiùiriche air Pròiseact nan Sgoiltean Ùra.

Thuirt e: "'S e aon de na dreuchdan a b' fheàrr a bh' agam san roinn phoblaich."

Dh'ionnsaich e, thuirt e, mu na duilgheadasan sònraichte a th' aig sgìrean eileanach a thaobh a bhith a' faighinn bathair, agus ghabh e ris gu bheil sin fhathast na dhùbhlan leis an troimhe-chèile o chionn ghoirid feadh lìonra ChalMac.

Tha Mgr Joyce ag ràdh gun do leig Malcolm Burr fhaicinn gum biodh e deònach taic a thoirt dha na dhreuchd ùir, agus an seann àrd-oifigear fhathast san togalach na obair mar Neach-gairm Bòrd Stiùiridh Taghaidh na h-Alba.

"An ceann greis tha dùil agam gum fàs mi nas eòlaiche air a' ghrunn chuspairean a th' ann gus an tèid agam air a bhith ag obair còmhla ri buill agus oifigich airson na co-dhùnaidhean a dhèanamh a bheir air adhart sinn ann an dòigh adhartaich.

"Taing mhòr dhuibh airson earbsa a chur annam. Nì mi mo dhìcheall gus na builean as fheàrr a thoirt seachad do mhuinntir nan Eilean Siar."

Trending Now