Cosgaisean goireasan spòrs sna h-Eileanan an Iar a' dol an-àirde

- Air fhoillseachadh
Thig àrdachadh suas ri 30% air na chosgas e a' dol gu ionadan-spòrs agus amaran-snàimh aig Comhairle nan Eilean Siar mar oidhirp dèiligeadh ri beàrn buidseit luach £180,000.
Chuir buill Comataidh an Fhoghlaim, Spòrs agus Sheirbheisean Chloinne an taic ri moladh cosgaisean a chur suas aig coinneimh Dimàirt.
Bìdh àrdachadh 15% air na chosgas ballrachd Slàinte Mhath bho thoiseach na h-ath-bhliadhna ionmhais, agus thèid prìsean dhaibhsan gun bhallrachd suas 30%.
Cha deach gabhail ri moladh lùghdachadh a thoirt air obair glanaidh aig Ionad Spòrs Leòdhais airson dèiligeadh ri easbhaidh de cha mhòr £49,000.
Chaidh aontachadh ri gearraidhean £75,000 bho roinn nan Goireasan Spòrs agus £15,000 bho Leasachadh Spòrs an-uiridh mar phàirt de bhuidseat 2025-26.
Dh'adhbharaich seo ùpraid mhòr sa choimhearsnachd oir am measg na bhathar a' moladh 's e amaran-snàimh Lìonail agus Shiaboist ann an Leòdhas a dhùnadh.
Dragh mu phlana dà amar-snàimh an Leòdhas a dhùnadh
- Air fhoillseachadh11 An t-Sultain 2025
"Ceum air ais" - call amaran-snàimh air an tuath an Leòdhas
- Air fhoillseachadh22 An Dàmhair 2025
Maoineachadh spòrs anns na h-Eileanan an Iar a' fuireach aig an aon ìre
- Air fhoillseachadh26 An t-Samhain 2025
Chaidh dàil air co-dhùnadh agus chuir comhairlichean an taic ri co-luadar poblach san t-Sultain an-uiridh a fhuair 1,649 beachdan, is a dh'fhàg nach deach na molaidhean sin air adhart sa bhliadhna ionmhais seo.
Chuala comhairlichean an t-seachdain seo gun robh am poball gu mòr airson seirbheisean a ghlèidheadh ach gun robh iad cuideachd ag iarraidh gum bi iad nas earbsaiche agus nas seasmhaiche.
Cho-dhùin comhairlichean dàil a chur air gearradh san t-seirbheis ghlanaidh airson a' chiad chairteal den bhliadhna ionmhais ùir feuch dè an teachd a-steach a bhiodh ann bho na cosgaisean ùra.
Bha rabhadh san aithisg gur dòcha gum feumadh beachdachadh às ùr air gearraidhean san t-seirbheis mura faighte teachd a-steach gu leòr.
A bharrachd air na sàbhalaidhean £90,000 ris an do dh'aontaich iad airson na bliadhna ionmhais seo, chuala buill na comataidh gun robh dùbhlain airgid nas motha gu bhith ron t-seirbheis spòrs.
Thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Coinneach MacLeòid: "Feumaidh sinn an teachdaireachd a sgaoileadh mun t-seirbheis - cleachd i neo caill i."