Ceist an fhiach rèile-beinne a chàradh

Rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm
  • Air fhoillseachadh

Chaidh ceist a chur co-dhiù fiach a' chosgais an lùib measaidhean is càradh a dhèanamh air Rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm an taca ri buannachd na rèile don eaconomaidh.

Thàinig an rabhadh ann an aithisg ùr Dimàirt bho Chomataidh an Sgrùdaidh Phoblaich aig Holyrood.

Seo an dèidh dhan chomataidh coimhead ri maoineachadh agus obair na rèile, a th' air a bhith le trioblaidean o chionn ghrunn bhliadhnaichean.

Chaidh an rèile-beinne fhosgladh ann an 2001, air chosgais £19.5m.

Bha e dùinte fad ceithir bliadhna an dèidh do thrioblaidean èirigh leis an rèile fhèin anns an t-Sultain 2018.

Dh'fhosgail e às ùr airson ùine ghoirid ann an 2023, mus deach mothachadh gun robh an còrr càraidh a dhìth, 's dhùin e a-rithist. Dh'fhosgail e sa Ghearran 2025.

Dhùin e an uair sin a-rithist sa Chèitean airson tuilleadh obair-càraidh.

Chaidh a dhùnadh a-rithist dà thuras as t-fhoghar 2025 airson obair-càraidh, a' fosgladh a-rithist an dèidh sin.

Tha an rèile-beinne a-niste fo shealbh a' phobaill, tron chompanaidh Cairngorm Mountain Ltd, a tha le Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE).

Tha cosgaisean còrr air £16m an lùib an rèile ùrachadh - cosgais a thuiteas air an sporran phoblach.

Thog a' chomataidh dragh co-dhiù tha luach an airgid anns a' ghoireas tuilleadh mu choinneimh na buannachd a thig às.

Dh'iarr a' chomataidh cuideachd air Riaghaltas na h-Alba a bhith nas fhosgailte mu na planaichean aca airson na rèile-beinne, 's dèanamh cinnteach gu bheil luach an airgid ann.

Dh'iarr an aithisg aca air HIE leasachaidhean a dhèanamh a thaobh na dòigh san dèan iad co-dhùnaidhean air na tha an dàn don rèile-bheinne, agus dragh air a' chomataidh mu na fhuair iad de dh'fhiosrachadh air an stèidhicheadh iad beachd.

Thuirt Fear-gairm na comataidh, Ridseard Leonard BPA, gun cuala a' chomataidh fianais bho fharsainneachd de bhuidhnean aig a bheil ùidh san rèile-bheinne.

"Tha e sàbhailte a ràdh gu bheil eachdraidh rudeigin trioblaideach air a bhith aig Cairngorm Mountain Ltd, le dùnaidhean fada, 's airgead poblach nach beag a dhìth air," thuirt Mgr Leonard.

"Chuala sinn gach cuid dòchas agus teagamh mu na th' air fàire. Tha e a' toirt dhuinn deilbh dhraghail nach eil na buannnachdan a thig às san àm ri teachd cho soilleir 's a bu chòir."

Thuirt e cuideachd gum feumadh structar ceannais nas fhosgailte a bhith an sàs airson rèile-beinne a ruith, airson 's gun dèante co-dhùnaidhean nas fhasa air cosg airgid phoblaich.

Trending Now