"Barrachd airgid phoblaich a dhìth" air rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm

- Air fhoillseachadh
Tha an còrr airgid phoblaich a dhìth airson lioft-sgithidh air a' Chàrn Ghorm, agus cunnart nach beag ann gum fàilig rèile na beinne a-rithist, a rèir luchd-iomairt.
Chuala Comataidh an Sgrùdaidh Phoblaich aig Holyrood madainn Diciadain bhon bhuidhinn Park Watch - luchd-iomairt air a bheil dragh o chionn ùine mu mar a tha Cairngorm Mountain Earanta air a ruith.
Chaidh còrr air £25m a chosg air càradh air an rèile-beinne bho 2018 nuair a chaidh mothachadh do thrioblaidean structaireil leis na stèidhean concrait air a bheil an rèile fhèin air a thogail.
Chan eil an càradh sin air dèiligeadh ris an trioblaid a bh' air cùlaibh sin, a rèir Ghòrdain Bulloch, a bhios a' cur ri iomairt Park Watch. 'S ann a tha e dìreach air maill a chur air cnàmh a' choncrait.
"Tha sinne den bheachd gun lùghdaich an càradh seo am fàiligeadh structaireil, 's gun cùm iad air ais e gu ìre, ach tha am fàiligeadh structaireil fhathast ann," thuirt e.
"Tha na bannan a chaidh a chur ris ann airson feuchainn ri a chumail ri chèile, ach ma choimheadar ris a' choncrait fhèin, tha e mar thà air a mhilleadh.
"Chìthear sgàineadh air an taobh ìosail, 's mar sin air adhart. Tha trioblaidean mòra an sin.
"Cuiridh na bannan maill air sin, ach cha chuir e às dha."
Rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm a' dùnadh airson obair-càraidh
- Air fhoillseachadh2 An Cèitean 2025
Rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm a' fosgladh
- Air fhoillseachadh26 An Gearran 2025
Barrachd chosgais an lùib rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm
- Air fhoillseachadh17 Am Faoilleach 2025
Tha an rèile-beinne a' tàladh mòran luchd-turais chun na sgìre, leis gum faighear air beinn a' Chàirn Ghuirm a dhìreadh air an rèile seach a bhith a' coiseachd suas.
Dh'fhosgail i ann an 2001, agus chosg i £19.5m a thogail.
'S ann le Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a tha i, 's air a ruith le Cairngorm Mountain Earranta.
Tha Mgr Bulloch ag ràdh gu bheil e riatanach gun tèid barrachd airgid phoblaich a chosg airson cur às dhan trioblaid, no gu bheil cunnart ann gun dùin an rèile-beinne gu tur.
"Tha mi a' creidsinn ma bhios fàiligeadh mòr eile ann gum feumar beachdachadh dha-rìribh air a bhith a' dùnadh na rèile-beinne gu tur," thuirt e.
"Tha e cudromach gun cosgar barrachd on sporran phoblach, gus am bi goireas eile ann a ghabhadh a h-àite.
"Siud a bu chòir a bhith air tachairt air ais ann an 2020.
"Tha ro-innleachd "crios is galairsean" a dhìth an seo, 's feumaidh sin barrachd airgid phoblaich gu mì-fhortanach."