Gealltanas bho Chomhairle na Gàidhealtachd air còmhraidhean mu thaic do bhoireannaich

- Air fhoillseachadh
Dh'aontaich Comhairle na Gaidhealtachd gum bi còmhraidhean aca tràth sa Bhliadhn' Ùir mu seirbheisean do bhoireannaich a tha air droch-dhìol san dachaigh fhulang is mì-chinnt air a bhith ann mu mhaoineachadh.
Tha comhairlichean agus Buidhnean-Taice nam Ban fhèin air dragh a thogail mu atharrachaidhean a tha san amharc air poileasaidhean an ùghdarrais ionadail a thaobh seirbheisean taice.
Tha sin a' toirt a-steach àiteachan-còmhnaidh do bhoireannaich a tha air droch-dhìol fhulang agus an dòigh anns am bheil a' chomhairle a' maoineachadh bhuidhnean taice.
Ann am brath, taobh a-muigh air a' mhìos seo chaidh, thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad a' gealltainn sheirbheisean a neartachadh.
Thuirt iad gun dèan iad ath-sgrùdadh air mar a bheir iad piseach air àiteachan-còmhnaidh do bhoireannaich san t-suidheachadh seo is nach atharraich dad gus am bi an t-ath-sgrùdadh seachad.
Thuirt iad cuideachd gu bheil cùmhnant aca chun a' Mhàirt 2026 le meuran Bhuidhnean-Taice nam Ban ann an Siorrachd Inbhir Nis, Siorrachd Rois, Loch Abar, agus Gallaibh is Cataibh, is gu bheil pròiseas air tòiseachadh gus a h-uile dad a thoirt còmhla fo aona sheirbheis air feadh na Gàidhealtachd.
Ach chuir buidheann de chomhairlichean iarrtas air adhart, taobh a-muigh airson coinneamh shònraichte tràth ann an 2026 gus an gnothach a dheasbad.
Dragh mu mhaoineachadh do Bhuidhnean-Taice nam Ban air a' Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh27 An t-Samhain 2024
Poileasaidh ùr taigheadais do dhaoine a dh'fhuiling droch-dhìol taighe
- Air fhoillseachadh29 An Dàmhair 2025
Tha iad ag ràdh gu bheil mì-chinnt a' cuairteachadh chùisean.
"Bu chòir dhuinn a bhith a' toirt sùil air na modailean a th' againn is a bheil iad ag obair", thuirt tè de na comhairlichean, Angela NicIlleathain.
"Ach an rud a chanainn, na meuran de Bhuidhnean-Taice nam Ban a tha an sàs sa phròiseas seo - chaidh fiosrachadh eadar-dhealaichte a thoirt dhaibh, mar a chaidh a thoirt dhuinn mar chomhairlichean tron phròiseas air fad.
"Feumaidh iadsan na leabhraichean aca a chothromachadh gach bliadhna is le mì-chinnt bhon chomhairle air dè tha sinn a' dol a dhèanamh, chan eil sin a' cuideachadh".
Thuirt an Comh Helen Crawford gu bheil e deatamach gun tig soilleireachadh.
"Mura h-eil comhairlichean is buidhnean taice a' tuigsinn seo, faodaidh tu a bhith cinnteach nach bi boireannaich san fharsaingeachd agus 's e sin an dragh as motha.
"Duine sam bith aig a bheil eòlas air droch-dhìol san taigh, bidh fios aca gur e àm a tha seo den bhliadhna nuair a tha cuid de bhoireannaich gu mòr fo uallach".
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid aithisg mun t-suidheachadh ullachadh airson coinneimh de Chomataidh na Slàinte is a' Chùraim Shòisealta tràth sa Bhliadhn' Ùir.