"Draghan mòra" air Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim mu ghoireas an Inbhir Nis

CastlehillTùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Chaidh innse do dhachaigh-cùraim ann an Inbhir Nis gum feumadh iad piseach a thoirt air a' chùram a tha ga thoirt seachad ann no gum faodadh gun caill iad an clàradh oifigeil aca.

Tha luchd-sgrùdaidh a' chùraim ag ràdh gu bheil "draghan mòra" orra mun ìre de chùram a tha ga thoirt seachad aig Dachaigh-cùraim Castlehill.

Thuirt a' bhuidheann riaghaltais gu bheil dragh orra mun ìre de chùram a tha luchd-còmhnaidh a' faighinn san dachaigh, anns a bheil 88 leabaidh, ann an sgìre a' Bhaile Dheirg air neo Cradlehall.

Tha iad air innse dhan chompananaidh a tha a' ruith na dachaigh-cùraim gum feum iad piseach a thoirt air cùisean taobh a-staigh ùine dhearbhte.

Tha Dachaigh-cùraim Castlehill ag ràdh gu bheil iad gu math an-fhoiseil le mar a tha an suidheachadh seo air nochdadh agus gum bi iad ann am barrachd chòmhraidhean le Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim.

Thuirt neach-labhairt gur e slàinte is fallaineachd an luchd-cleachdaidh an rud as cudromaiche dhaibh.

Trending Now