Luaidh ga dhèanamh air Tormod 'Dokus' Dòmhnallach OBE

Tormod Dokus Dòmhnallach, nach maireann
  • Air fhoillseachadh

Chaochail Tormod Dòmhnallach a bha na fhear-gairm air Comhairle nan Eilean Siar eadar 2012 agus 2022 agus na chomhairliche bho 1997.

Bhàsaich Mgr Dòmhnallach, 69, madainn Diluain an dèidh dha a bhith tinn airson greis.

Bha e an sàs fàd iomadach bliadhna an obair na coimhearsnachd aige fhèin ann an Ùige agus sgioba foghlam na comhairle mus deach e an sàs ann am poileataigs ionadail.

"'S e duine a bh' ann a dh'fhàg làrach mhòr às a dhèidh," thuirt am fear-naidheachd Aonghas Dòmhnallach.

Tha e a' cuimhneachadh air mar dhuine a bha "gu math cùiseach airson gach cuid an sgìre aige fhèin agus dha na h-eileanan".

Thuirt e nach robh càil de leisg air Tormod Dòmhnallach seasamh an-àirde ri luchd-poileataigs aig ìre nàiseanta "agus innse dhaibh càite an robh iad a' dol ceàrr agus càite nach robh iad a' dèanamh an dleasdanais a thaobh nan eilean".

Ann am brath, thuirt BP nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, gun robh e air leth duilich an naidheachd mu bhàs Mhghr Dhòmhnallaich a chluinntinn.

"Bha e airson na coimhearsachd chun an smir, dealasach a thaobh beathannan dhaoine a dhèanamh nas fheàrr agus taic a chumail riutha anns gach dreuchd a bh' aige.

"Rinn e seo le mùirn agus coibhneas don a h-uile neach ris an do choinnich e," thuirt Mgr Crichton.

Rathad a' dol sìos gu baile Bhaltois an sgìre Ùige ann an LeòdhasTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Tormod Dòmhnallach gu mòr an sàs san iomairt Oighreachd Bhaltois, far an deach a thogail, a chur an làmhan na coimhearsnachd

Thogadh Tormod Dòmhnallach, neo Tom Ally mar as fheàrr a dh'aithnichear e, ann am Bhaltos.

Bha e greis ag obair ann an Lunnainn na dheugaire agus nuair a thill e dhachaigh bha e na phreantas breigearachd fad trì bliadhna.

Chaidh e na neach-obrach òigridh an 1980 nuair a fhuair Comhairle nan Eilean Siar maoineachadh bhon EU airson coimhearsnachdan air an oir a neartachadh.

Ann an agallamh le Gasaet Steòrnabhaigh, thuirt Mgr Dòmhnallach gur e "an obair a b' fheàrr a bh' agam riamh".

Bha e an sàs ann an obair na coimhearsnachd fad 17 bliadhna mus deach e na chomhairliche ann an 1997.

"Chaidh aig Tormod daonnan air rudan a choileanadh"

Aig a' cheart àm, bha e a' faighinn cosnaidh, am measg eile, ann an leasachadh na Gàidhlig le Comunn na Gàidhlig an toiseach agus an uair sin le Buidheann Nàiseanta Ealain na Gàidhlig.

Ann an 2004, chaidh e na cheannard air leasachadh coimhearsnachd le Iomairt nan Eilean Siar.

Chaidh e na fhear-gairm air Comhairle nan Eilean Siar ann an 2012, dreuchd a chùm e gus an do leig e seachad obair mar chomhairliche ann an 2022.

Bha e gu mòr an sàs san obair gus còig sgoiltean a thogail sna h-eileanan mar chathraiche air Sgoiltean Ùra.

Nuair a dh'fhàg e a' chomhairle rinn an ceannard aig an àm, Ruairidh MacAoidh, moladh air.

"Chaidh aig Tormod daonnan air rudan a choileanadh agus ma 's e rudeigin a bhiodh gu buannachd na coimhearsnachd agus buidhnean coimhearsnachd gheibheadh e an-còmhnaidh dòigh a thoirt gu buil."

Tormod Dokus Dòmhnallach, nach maireannTùs an deilbh, GAISEAT STEÒRNABHAIGH

Bha Tormod Dòmhnallach fad a bheatha an sàs ann an grunn iomairtean ionadail ann an Ùige fhèin eadar Club Òigridh a stèidheachadh, airgead a thogail airson Ionad Coimhearsnachd, Là Gàla Ùige a chur air dòigh agus a' bhùth ionadail a cheannach leis a' phoball.

Bha Oighreachd Bhaltois, far an d' fhuair e àrach òg, a chur an làmhan an t-sluaigh am measg nan iomadach iomairt ris an robh gnothach aige.

Bha e cuideachd 30 bliadhna ag obair do Sheirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba.

Uile gu lèir bha e 42 bliadhna ag obair don chomhairle na oifigeach agus na bhall.

Bhiodh e glè thric cuideachd a' nochdadh air prògraman Gàidhlig anns na meadhanan.

Chaidh urram OBE a bhuileachadh air ann an 2024.

Aig an àm, thuirt Morair-ionaid a' Chrùin sna h-Eileanan an Iar, Iain MacAmhlaigh: "Tha Tormod air mòran a dhèanamh, na dhreuchdan agus gu saor-thoileach, airson iomairtean cudromach a thoirt gu buil a chùm maith na coimhearsnachd aige fhèin agus daoine sna h-eileanan air fad."

Tha Tormod a' fàgail a bhean Pat agus triùir chloinne.

Trending Now