Gearanan ùra mu chompanaidh cùraim

Bha Jack Kirkland a' fuireach aig dàchaigh-cùraim Castlehill ann an Inbhir Nis mus do ghluais a theaghlach e is dragh orra mu ìre a' chùraim
- Air fhoillseachadh
Tha teaghlaichean air fearg a nochdadh is iad ag ràdh gun robh iad a' feitheamh mhìosan airson airgead fhaighinn air ais bho chompanaidh cùraim.
Tha na casaidean a' tighinn bho theaghlaichean deichnear luchd-còmhnaidh a bha a' fuireach ann an dachaighean-cùraim leis a' chompanaidh Morar Care Group.
Chaidh a' chompanaidh às àicheadh nan casaidean.
'S e Morar Care Group a tha a' ruith dachaigh Castlehill ann an Inbhir Nis, dachaigh air an do bhuail connspaid an-uiridh às dèidh dhan BhBC rannsachadh a dhèanamh mu dheidhinn.
Thuirt teaghlaichean luchd-còmhnaidh aig an àm gun robh an dachaigh ri "dearmad" agus "an-iochd".
Chuir Buidheann-sgrùdaidh a' Chùraim ceumannan an sàs feuch ìre a' chùraim a leasachadh is tha an dachaigh, air a bheil a-nise Morar Highland, a-nise ga mheas aig ìre "math gu leòr".
Chuir grunn theaghlaichean fios chun a' BhBC às dèidh nan aithrisean sin is iad a' togail chasaidean mu dhuilgheadasan ionmhais do luchd-còmhnaidh a bha a' pàigheadh airson an cuid cùraim.
Casaidean de "dhearmad" agus "an-iochd" aig dachaigh-cùraim an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh23 An t-Sultain 2025
Piseach aig dachaigh-cùraim Castlehill
- Air fhoillseachadh28 An t-Samhain 2025
Feumaidh cuid pàigheadh airson a' mhòr-chuid den chùram aca air sgàth na th' aca de dh'airgead air a shàbhaladh, seach an t-ùghdarras ionadail aca a bhith a' pàigheadh air a shon.
Tha mu 11,500 duine ann an Alba san t-suidheachadh seo.
Tha na teaghlaichean aig deichnear a bha a' fuireach ann an dachaighean Morar Care Group ann an diofar phàirtean de dh'Alba ag ràdh gun do chùm a' chompanaidh air ais suimean suas ri £19,000 a bha air am pàigheadh mar eàrlasan.
Chuir cuid luchd-lagha is luchd-cruinneachadh fhiachan an sàs gus airgead fhaighinn air ais.
Bha am Morar Care Group air bagairt teaghlaichean a thoirt gu lagh airson bruidhinn ris a' BhBC sa phrògram Disclosure: Cashing in on Care.
Bha teaghlach Jack Kirkland am measg na rinn strì.
Bha Mgr Kirkland a' fuireach ann an Castlehill fad dà bhliadhna bho 2022, mus do ghluais a theaghlach e gu àite èile is dragh mòr orra mu ìre a' chùraim.
Disclosure: Cashing in on Care
Disclosure a' coimhead ri casaidean an aghaidh companaidh cùraim. Chìthear am prògram an seo air iPlayer a' BhBC agus air BBC One Scotland aig 8f Diluain.
Thuirt an nighean chèile aige, Linda Kirkland, gun robh trioblaidean mòra aca airgead fhaighinn air ais bho Morar Care Group is gun do mhair seo mìosan.
Thuirt i gur e "a' bhuille mu dheireadh" a bha seo.
Ghabh Buidheann-sgrùdaidh a' Chùraim air a' cheann thall ri seachd casaidean mun chùram a bha Mgr Kirkland a' faighinn aig Castlehill.
Tha Mgr Kirkland a-nis 95 is tha an teaghlach aige ag ràdh gu bheil e glè thoilichte san dachaigh anns a bheil e a' fuireach a-nise.
Thuirt Morar Care Group gu bheil nan casaidean a tha nan aghaidh eachdraidheil, ceàrr is meallta.
Thuirt a' chompanaidh gur e sàbhailteachd is cùram an luchd-còmhnaidh am prìomhachas a th' aca.
"Ann an suidheachadh neo-àbhaisteach nuair nach eil cùram aig na h-ìrean àrda ris a bheil sinn an sùil, bidh rannsachadh farsaing ann is bidh sinn a' gluasad gu luath gus gnothaichean a chur ceart", thuirt neach-labhairt.
"Tha mòran de na casaidean a rinn am BBC mu ìrean de chùram ceàrr"