
Thà inig fios bho Sheòras MacÌomhair bhon a' Bhac a bha fuireach ann an Steòrnabhagh gu robh là n chuimhne aige air an seo. Tha e coltach gu robh an gà rradh seo mu choinneamh far a bheil Banca Rìoghail na h-Alba, eadar sin agus bà rr a' chidhe. Tha e air ainmeachadh air fear Bucach air an robh Iain Marr. Bha togalach aige ann an sin agus 's ann a' reic salann garbh ri na cùbairean a bha e.
Bha cuideigin eile ag rà dh gu robh daoine a' tighinn gu Gà rradh a' Mharr 's a' suidhe air a' ghà rradh fad an latha, ann an dòchas gu faigheadh iad à ite air tè de na bà taichean Bucach a bhiodh a' tighinn a-steach a Steòrnabhagh. "Bha Gà rradh a' Mharr mar employment exchange !" thuirt e.
Bha Seòras MacÌomhair cuideachd ag innse ged a tha à ite ris an canar Lazy Corner ann an Steòrnabhagh an-diugh nach b' ann buileach an sin a bha An Gà rradh Leisg. Tha Lazy Corner air a' Mhol a Tuath, shìos air a' chidhe mu choinneamh oifis Urras Steòrnabhaigh, ach bha An Gà rradh Leisg mu choinneamh bonn Srà id na h-Eaglaise. Bhiodh muinntir a' Bhac, nuair a bhiodh iad a' tighinn a Steòrnabhagh a' reic an cuid adagan, ag rà dh "Tasdan an gad, 's an t-sreang air ais!"
Agus an t-iasg nach b' urrainn dhaibh a reic, bhiodh iad ga reic aig a' Ghà rradh Leisg. Tha e coltach gum biodh tòrr dhaoine a' cruinneachadh aige.
Bha e thall taobh Talla a' Bhaile.

Na leanadh tu ort sìos an t-srà id bho Ghà rradh a' Mharr cho fada sìos 's a gheibheadh tu, thigeadh tu gu Gà rradh a' Fhrangaich. Ann an Steòrnabhagh bha aon ghà rradh a' leantainn a-steach do ghà rradh eile.
Nuair a bhathas a' togail nan gà rraidhean gu h-à raid timcheall nam bailtean, mar eisimpleir ann am Beà rnaraigh Leòdhais, bha 'd garbh miannach air a bhith a' toirt beagan obrach do na banntraichean air sgà th 's nach biodh teachd-a-steach san dachaigh idir. Ach cha robhas gam pà igheadh le airgead ach le min-Innseanach airson an cuid chloinne a bhiathadh.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.