
Bhiodh muinntir a' Bhac a' gearradh na feamad air na sgeirean a-muigh 's uaireannan, mar thoradh air an seòrsa cladach a bh' aca, b' urrainn dhaibh a h-uile cà il a chuir air tìr no fada a-steach an trà igh le cairt. 'S e sgoladh nan corran a chanadh iad ri na pìosan beaga feamainn a dheigheadh a ghearradh 's nach biodh tìde aca a thogail mus tigeadh am muir-là n. Bhite a' cruinneachadh nam pìosan sin nuair a chuireadh am muir a-steach iad agus ga fà gail aig na banntraichean agus aig na daoine bochda nach robh air chomas a dhol a-mach a ghearradh feamainn dhaibh fhèin.
Bho Sheòras Stiùbhart, Am Bac, Leòdhas
Bha bodach nach robh airson a bhith air ainmeachadh a' cuimhneachadh air cairtean de mhionaich èisg gan toirt a Steòrnabhagh. Bhiodh iad air an abachadh fad seachdain agus bhiodh iad a' sgaoileadh sin air an talamh. Bha e uabhasach math ach bhiodh daoine a' gearain gu robh fà ileadh às a bha cianail. 'S e guà na a chanadh na bodaich ris aig an à m ach bha e dhen bheachd gur ann air sgà th stoidhle a bha seo aca air!

Bha co-dhiù trì adhbharan airson seo. Mas breitheadh a' bhò bhiodh an t-ùth cho là n 's gu faodadh sin a bhith na adhbhar. Dh'fhaodadh e cuideachd tachairt nan suathadh an t-ùth ann an clachan agus, gu h-à raid anns na Shorthorns, bhiodh uaireannan foinneachan timcheall nan sinean aca. Tha e coltach gu bheil cuislean bainne agus cuislean fala anns an ùth aig mart 's nan deigheadh am bruthadh no an goirteachadh ann an dòigh sam bith, 's dòcha gun tigeadh rud beag fuil troimhe as a' bhainne. Ach cha bu chòir gu maireadh sin barrachd air dhà na trì là ithean.
Bho Dhòmhnall Iain MacIllinnein, lighiche-sprèidh
Thà inig fios à Sgalpaigh gur e muragan a chante ri barrachd is aon de rud sam bith feumail a gheibheadh tu air a' chladach. Mar eisimpleir nam biodh pìosan fiodh air a thighinn air tìr agus duine a' gur a' chladaich, dheigheadh faighneachd dha, "An d'fhuair thu muragan as a' chladach?"
Bha muragan cuideachd air a chleachdadh airson aodach bhoireannach, sin nam biodh iad nan luideagan nach robh uabhasach math. "Ach cà ite idir an d'fhuair thu na muragan?" chante.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.