An dèidh mìneachadh a h-uile feamainn eadar-dhealaichte, dh'innis Mòr mar a bhiodh iad a' roinn a' chladaich agus a' buain na feamad.
Mòr: An t-à ite as an deach mise a thogail, bha an cladach air a roinn, a phìos fhèin air a chuir a-mach dhan a h-uile lot. Nise, 's ann an trìtheamh bliadhna an dèidh an fheamainn a ghearradh, 's ann a bhiodh i freagarrach a gearradh a-rithist. Cha bhiodh i air fàs fada gu leòr gum biodh i mar a chanadh iad "trì-bhliadhnach feamad".
A-nise bhathas ag iarraidh uiread dhen an fheamainn, barrachd air na bha an earrann cladaich a' ceadachadh, 's dh'fheumadh iad an uairsin a dhol gu, man a chanadh iad "to No Man's Land," a dh'iarraidh tuilleadh. Agus nuair a dheigheadh iad ann a sin, 's e rud ris an canadh iad maois a bhiodh iad a' dèanamh.
Iain: Nach innis sibh dhomh ma dheidhinn sin.
Mòr: Well, bha a' mhaois, 's e cnap a bh' as a' mhaois, rudeigin coltach ri sìg fheòir. Bha 'd a' falbh as a' mhadainn le na h-eathraichean agus a' toirt leotha lìon là idir agus ròpan no buill là idir. Agus bha 'd air an t-à ite as an robh iad a' dol a bhuain, bha 'd mar gum biodh air a chuir a-mach nan inntinn fhèin mas do dh'fhalbh iad bhon an taigh. "Seo far a bheil sinn a' dol."
'S nuair a ruigeadh iad sin bha iad a' tòiseachadh a' buain mar am beatha, le na corranan. Nise bha an corran-feamad, bha faobhar sònraichte air a chuir air a' chorran-fheamad. 'S e breacadh a chanadh iad ris.
Iain: Seadh. Cha chuala mi sin a-riamh a bharrachd.
Mòr: Well, bha a' faobhar rudeigin coltach ri faobhar sà ibh.
Iain: O fiaclan?
Mòr: Fiaclan mar sin ann, air a dhèanamh ann le eighe. Bha 'd a' tòiseachadh a' buain na feamad agus, nuair a shaoileadh iad a bha am muir gu tilleadh air a' lìonadh, bha 'd a' sgaoileadh a' lìn as a' chladach 's bha 'd an uairsin a' tòiseachadh a' cur na feamad a bhuain iad dhan a' lìon gum biodh i aca ann gu lèir, agus ga togail an à rda car coltach ri sìg fheòir.
Bha 'd an uairsin a' ceangal a' lìn uimpe agus a' cur grà p sìos chun na là imhe dhan a' chnap feamad, dhan an t-sìg. Agus bha 'd an uairsin a' ceangal na buill man a' lìon agus ga dhèanamh daingeann agus a' ceangal ròpa eile mu chas a' ghrà p is a' fuireach ann an shin gus an tigeadh a' sruth-lìonaidh agus gun deigheadh an t-sìg a bha seo, no a' mhaois air fhlod.
Iain: Tha mi tuigs'.
Mòr: Nuair a dheigheadh i air flod bha 'd a' toirt an uairsin a' ròpa a cheangail iad man a' ghrà p, an ceann eile aige, a dheireadh an eathair. Agus 's e eathar cheithir-rà mh a dh'fheumadh a bhith ann. Chan dèanadh geòla le dhà ...
Iain: Cha shlaodadh e i.
Mòr: O cha shlaodadh e i. Bha eathar cheithir-rà mh le ceathrar agus dh'fheumadh iad a bhith uabhasach furaileach gum biodh iad gus an ceann-uidhe a' ruighinn mus tilleadh a' sruth-trà ghaidh air ais. No, an à ite an eathar a bhith a' draghadh na maois, 's ann a bhiodh a' mhaois a' draghadh an eathar.
Agus 's e obair chruaidh a bh' ann. Agus o bhiodh fealla-dhà aca airson an cridhe a chumail an à rda agus 's mathaid gum biodh amhran aca cuideachd a fhreagradh buille an iomraidh. Agus 's e obair-latha chruaidh a bh' ann. Dh'fhalbhadh iad trà th as a' mhadainn agus dh'fheumadh iad a-nise a bhith air ais cho faisg dhan an dachaigh 's a ghabhadh a' mhaois a thoirt gu tìr mas tilleadh a' sruth-trà ghaidh.
Iain: Bha 'd air an riaghladh gu mòr leis an tìde-mhara?
Mòr: O, 's e an tìde-mhara a bha ga riaghladh. Bho dh'fhalbh iad bhon an taigh gu na thill iad leis a' chnap mòr feamad a bha seo, a' mhaois, cha robh cà il ga riaghladh ach an tìde-mhara, mar a chanadh iad, na siùil-mhara.
Iain: A robh tìde ann airson biadh?
Mòr: Well, bha biadh sònraichte ann airson a leithid siud a' latha agus 's e nipean a chanadh iad ris.
Iain: De bh' air?
Mòr: Nipean
Iain: Nipean.
Mòr: Nipean. Sin a chanadh iad ris. Nise b' e sin min-choirce agus craiteachan siùcar agus e air a mheasgachadh le bùrn. Agus nam biodh ìm a-staigh, cha ghabhadh e dhèanamh na b' fheà rr na sin. Dheigheadh rud beag ìm a chuir na mheadhan. Bha 'd a-nise a' cur pà ipear no clobhd glan no rudeigin man a sin agus bhiodh e aca airson a ghabhail nuair a shuidheadh iad agus a' mhaois deiseil agus iad a' feitheamh ris a' mhuir-lìonaidh a thighinn airson a' cur air bhog. Agus cha robh an còrr ach sin.
Iain: Bha e caran coltach ri pròs, a robh?
Mòr: O bha e na bu chruaidhe na pròs. Bha e leantainn a chèile na b'fheà rr na pròs agus bha e cho tioram agus 's ann ga bhogadh as an t-sà l a bhiodh iad mar a bhiodh iad ga ithe. A' toirt là n am beòil à s, 's ga bhogadh as an t-sà l, 's a' toirt là n am beòil à s.
Iain: Airson a dhèanamh bog?
Mòr: Airson a dhèanamh bog.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.