Leanaidh comraiche do bhoireannaich a-mhàin air a' Ghàidhealtachd

Làmhan boireannaich a' cumail làmhan boireannaich eile Tùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh innse do chomhairlichean Gàidhealach gun lean goireasan-comraiche do bhoireannaich a-mhàin dhaibhsan a th' air droch-dhìol san dachaigh fhulang.

San Dùbhlachd, chaidh a dhearbhadh gun rachadh na cùmhnantan a th' ann an-dràsta airson seirbheis comraiche nam ban a leudachadh chun na Sultaine fhad 's a tha ath-sgrùdadh ga dhèanamh.

'S e Buidhnean-taice nam Ban an Inbhir Nis agus Siorrachd Rois aig a bheil an dà chùmhnant sin

Chaidh gabhail ri atharrachadh aig Comataidh na Slàinte is a' Chùraim Shòisealta Diciadain gun tèid beachdachadh air an ath-sgrùdadh agus aithisg mu dheidhinn mus tig na cùmhnantan sin gu ceann.

Nochd Buidheann-taice nam Ban ann an Inbhir Nis dragh san Dàmhair mu phoileasaidh ùr gum biodh cùmhnantan ùra a' toirt a-steach fireannaich agus daoine neo-bhìnearaidh agus trans a th' air droch-dhìol san dachaigh fhulang.

Bhon uairsin, chaidh ainm a chur ri trì a-mach à ceithir cùmhnantan ùra - le Buidhnean-taice nam Ban an Siorrachd Rois, Gallaibh, Cataibh agus Loch Abar uile ag aontachadh seirbheis a thoirt seachad do bhoireannaich a-mhàin gu co-dhiù 2029.

Chaidh innse do bhuill na comataidh gum faod misneachd a bhith aca gun lean àitichean-còmhnaidh do bhoireannaich a-mhàin san sgìre ged nach eil cinnt fhathast cò bheir seachad an t-seirbheis sin.

Chuala na comhairlichean gun deach buidheann a lorg a bheireadh seachad seirbheis do dh'fhireannaich a th' air droch-dhìol san dachaigh fhulang.

'S e Victim Support Scotland ris am bi an t-seirbheis an urra bho thoiseach a' Ghiblein.

Thuirt Àrd-oifigear obair shòisealta, Fiona Duncan, gun robh a' chomhairle air gabhail ri poileasaidh fom biodh a h-uile duine sàbhailte ach nach robh aon mhodail a' freagairt air a h-uile duine, agus gur e sin as coireach gun robh iad a' dèanamh ath-sgrùdaidh air an t-seirbheis agus cùmhnantan ùra.

Coinnichidh a' chomataidh a-rithist san Lùnastal a dheasbad na h-aithisge a mhìnicheas mar a thèid àitichean-comraiche do bhoireannaich a-mhàin a thoirt seachad air a' Ghàidhealtachd.

Trending Now