Maill "'s dòcha" air iarrtasan ùra màil ghoirid am Bàideanach is Srath Spè

An Aghaidh MhòrTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha sgeama pìleat le smachd air màl ghoirid ann am Bàideanach is Srath Spè

  • Air fhoillseachadh

Tha aithisg ùr ag ràdh "gur dòcha" gu bheil sgìre smachdachaidh ann am Bàideanach is Srath Spè a' lùghdachadh na tha de thaighean gan cur air adhart airson màl ghoirid.

A rèir na h-aithisg, a thèid air beulaibh Comataidh Bhàideanach is Srath Spè de Chomhairle na Gàidhealtachd an ath-sheachdain, tha an àireamh de thaighean san sgìre a tha gan cur air adhart airson màl ghoirid a' tuiteam, a' fuireach aig an aon ìre, air neo ag èirigh aig ìre nas ìsle na ann an sgìrean eile den Ghàidhealtachd.

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd sgeama pìleat an sàs ann am Bàideanach is Srath Spè anns a' Mhàrt 2024 agus dragh mun bhuaidh a bha àitichean-fuirich air màl ghoirid a' toirt air cothroman taigheadais san sgìre.

Thathas a' faicinn gu bheil an cothrom a th' ann air airgead a dhèanamh à bhith a' leigeil thaighean a-mach air màl ghoirid do luchd-turais a' cur suas phrìsean taighean ann am mòran sgìrean, le daoine a' ceannach thaighean airson brath a ghabhail air a' chothrom.

Tha sin ga dhèanamh doirbh do luchd-obrach agus mhuinntir an àite dachaigh fhaighinn.

Fon sgìre smachdachaidh, feumaidh, da rèir, daoine a th' airson àite-fuirich ann am Bàideanach is Srath Spè a chur a-mach air màl ghoirid cead-dealbhachaidh fhaighinn bhon chomhairle an toiseach.

Bhon uair sin, a rèir na h-aithisg, chaidh 43 iarrtas (13%) airson seo a dhèanamh a dhiùltadh.

Ged a tha an aithisg ag ràdh gur e àireamh an ìre mhath ìosal a chaidh a dhiùltadh, tha e a' co-dhùnadh "gum faodadh gu bheil an Sgìre Smachdachaidh a' cur na h-uimhir de mhaill air iarrtas a bharrachd airson màil ghoirid", oir gun deach nas lugha de thaighean a bha air an reic, air neo taighean ùra, atharrachadh gu bhith air an cur a-mach air màl ghoirid.

Chan eil an lùghdachadh sin air tachairt ann an sgìrean eile den Ghàidhealtachd far a bheil ìrean àrda de thaighean air màl ghoirid, a rèir na h-aithisg.

"Fhad 's a tha taighean air màl ghoirid mar earrann de na th' ann de dhachannan a' fàs, a rèir choltais, ann an iomadh pàirt den Ghàidhealtachd, tha iad a' crìonadh ann am Bàideanach agus Srath Spè, no a' fuireach aig an aon ìre, no a' fàs gu math nas slaodaiche na an ìre sa bhitheantas air Ghàidhealtachd," thuirt an aithisg.

Tha an aithisg ag ràdh cuideachd gum bi e comasach measadh nas làidire a dhèanamh air Sgìre Smachdachaidh Bhàideanach is Srath Spè is a' bhuaidh air taigheadas san sgìre nuair a tha barrachd fiosrachaidh ann.

Tha e ag ràdh gun tèid aithisg eadar-amail a dhèanamh ann an 2028 is aithisg shlàn ann an 2030.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd an-dràsta a' coimhead ri dà sgìre smachdachaidh eile a chur an sàs, a' toirt a-steach baile Inbhir Nis agus cuid de sgìrean dùthchail air Ghàidhealtachd.

Chaidh cead a thoirt do cho-luadar phoblach mu na planaichean sin.

Tha cuid ag iarraidh gum biodh a' Ghàidhealtachd air fad air a toirt a-steach gu sgìre smachdachaidh, seach earrainnean a bhith air am fàgail a-mach mar a tha dùil.

Aig an aon àm, tha cuid eile a' cur an aghaidh nam planaichean san fharsaingeachd.

Nam measg tha Comann Fèin-Aoigheachd na h-Alba, a tha ag ràdh gu bheil fianais a bharrachd a dhìth mus tèid a leithid a chur air dòigh.

Thèid an aithisg, taobh a-muigh mu bhuaidh na sgeama pìleat ann am Bàideanach is Srath Spè air beulaibh chomhairlichean air an 27mh là den Ghiblean.

Trending Now