Taic-airgid airson eaglais eachdraidheil an Inbhir Nis a chàradh

'S e Eaglais Shaor a Tuath an tè as motha an Inbhir Nis leis an stìoball as àirde
- Air fhoillseachadh
Tha Urras Nàiseanta nan Eaglaisean air taic-airgid luach £36,000 a thoirt do dh'Eaglais Shaor a Tuath an Inbhir Nis a chuidicheas iad leis an obair-chàraidh a tha a dhìth an dèidh mar a rinn stoirm milleadh mòr air an t-seann togalach.
Leag a' ghaoth a thàinig an cois Stoirm Floris as t-samhradh an-uiridh an coilleach-gaoithe air mullach stìobaill na h-eaglaise an cois Abhainn Nis, agus chaidh milleadh luach £100,000 a dhèanamh.
'S e an stìoball am fear as àirde sa bhaile aig còrr air 50 meatair agus 's e an eaglais fhèin an tè as motha le suidheachain gu leòr do 1,400 luchd-adhraidh.
Thuirt Ministear Eaglais Shaor a Tuath, an t-Urramach Aonghas MacRath: "Tha an togalach againn na ghoireas mìorbhaileach dhan bhaile agus dhan choimearsnachd, gu h-àraid gus daoine a thoirt cruinn còmhla.
"Tha fèill mhòr oirre airson bainnsean, tachartasan òigridh agus coimhearsnachd, agus airson cuirmean le còisirean agus ceòl beò."

Tha rùm gu leòr san eaglais airson 1,400 duine
Ann an 2023 fhuair iad taic-airgid mòr bho Urras Nàiseanta nan Eaglaisean airson guitearan agus pìoban-drèanaidh ùrachadh leis nach robh an fheadhainn a bh' ann dìonach agus bha an t-uisge a bha a' tighinn asta a' milleadh an togalaich.
Bha aghaidh na h-eaglaise ris an abhainn cuideachd a' crìonadh. Chosg an obair sin mu £240,000 uile gu lèir.
Tha an t-Urr. MacRath den bheachd gum bi barrachd sheann togalaichean an Inbhir Nis feumach fhathast air obair-chàraidh air sgàth buaidh athatharrachadh na gnàth-shìde.
Thuirt Mgr MacRath: "Tha grant bho Urras Nàiseanta nan Eaglaisen gar cuideachadh gus pàirt chudromach de dhualchas a' bhaile againn a ghlèidheadh."
Chaidh an eaglais Ghotach a tha clàraichte mar thogalach liosta B a dhealbh leis an ailtire ionadail an Dr Alexander Ross agus chaidh a chrìochnachadh ann an 1893.

Tha an eaglais (sa mheadhan) air fear de na togalaichean eachdraidheil sa bhaile a tha fhathast ga chleachdeadh airson an adhbhair a thogadh e