Am faca sibhse clach-uaighe dhà-chànanach?

Tha an t-eòlaiche eachdraidh Peadar Dòmhnallach OBE air a bhith a' rannsachadh cloich-uaighe dhà-chànanaich ann am Magh Eadh
- Air fhoillseachadh
Tha oidhirp às ùr gus barrachd ionnsachadh mu chlachan-uaighe dà-chànanach is tè ann an Siorrachd Pheairt ga h-ainmeachadh le eòlaiche mar 'Rosetta Stone' 'son seann Ghàidhlig dhùthchasach na sgìre.
Ann an cladhan air feadh Alba, chìthear tric gu leòr clachan-uaighe le corra fhacal Gàidhlig orra, mar as àbhaist iomradh bhon Bhìoball. 'S ann fìor ghann a tha clachan-uaighe gu tur anns a' Ghàidhlig, ge-tà.
Nas teirce buileach a tha clachan a tha dha-rìribh dà-chànanach. Ach tha an leithid ri lorg.
A rèir tuairmse, dh'fhaodadh gu bheil nas lugha na còig san dùthaich air fad.
Tha cuid a-nise airson tuilleadh fhaighinn a-mach mu na clachan-uaighe sònraichte seo, gus an deadh tuilleadh dhiubh a chlàradh is a dhìon.

A' chlach a stèidhich Dòmhnall MacGriogair ann an Cladh Mhaigh Eadh faisg air deireadh na 18mh Linne
Ann an cladh Eaglais Pharaiste Mhaigh Eadh - Monzie - ann an Siorrachd Pheairt - tha clach-uaighe a thog aire o chionn ghoirid.
'S e fear Dòmhnall MacGriogair a chuir a' chlach an sin an-àirde, anns a' bhliadhna 1793, mar chuimhne air a bhean Anna NicAura agus an leanabh Catrìona NicGriogair, a dh'eug aois ceithir.
Chan eil cùs fiosrachaidh againn mun deidhinn, seach gur e saor a bh' ann an Dòmhnall, a rèir na cloiche, agus gur e teaghlach bochd a bh' annta, a rèir fianais bho chlàran a' pharaiste.
Nach eil e nas iongantaiche buileach, ma-tha, gur iadsan an teaghlach leis an aon chlach-uaighe Ghàidhlig - agus dà-chànanach - san sgìre air fad.

Air aon taobh den chloich tha luaidh ga dhèanamh air Anna NicAura agus Catrìona NicGriogair sa Ghàidhlig.
Air an taobh eile, an dearbh luaidh sa Bheurla. Tha ceann-sgrìobhaidh Chlann MhicGriogair aig a' mhullach air gach taobh.
Chithear sa bhad rudan annasach mun Ghàidhlig sgrìobhte.
Eidhon dean agus na choigill idine
Cunieh am baus
Air a cuir suas le Domhaull MacGrigair saor ann a Maidhcheadh a mar chuimhneachan air Anna NichcAura a bhean a dheug air a cheud latha do June ann s'a bhliadhna 1793 tri bliadhna deug agus da fhichead a dhaois agus Catrina NichGregair air a nighean a dheug air an aon latha a deug do Novr ann s'a bhliahna 1783 ceithir bliadhn a'dhaois
Tha luchd-rannsachaidh air na tha sgrìobhte air a' chloich-uaighe a chur gu rudeigin nas coltaiche ri Gàidhlig an là an-diugh:
Eadhon dean agus na coigil idine
Cuimhnich am bàs
Air a cuir suas le Domh'aull MacGriogair saor ann a Maigh Eadh a mar chuimhneachan air Anna NicAura a' bhean a dh' eug air a' cheud latha do June anns a' bhliadhna 1793 tri bliadhna deug agus da fhichead a' dh' aois agus Catrìona NicGriogair air a nighean a dh' eug air an aon latha a deug do Novr anns a' bhliadhn' a 1783 ceithir bliadhn' a' dh' aois

Dreach nas soilleire den sgrìobhadh air a' chloich
Mothaichear gu bheil cuid den litreachadh neo-àbhaisteach - agus cuid de mhearachdan gearraidh, mar Cuinieh - far an deach 'e' a sgriobhadh seach 'c'.
Bhiodh litreachadh diofraichte air an fhacal sin co-dhiù - còmhla ri litreachadh nan ainmean. Blasad beag de bhlas-cainnte na sgìre, ma dh'fhaoidte.
Seo a rèir an eòlaiche eachdraidh Peadar Dòmhnallach OBE, a bhuineas dhan sgìre agus a sgrìobh pàipear-rannsachaidh nach deach fhoillseachadh fhathast air clach-uaighe Mhaigh Eadh còmhla ris an Dtr Norval Mac a' Ghobhainn bho chionn ghoirid.
Mun àm a mhothaich esan dhan chloich-uaighe seo an toiseach - bho chionn 40 bliadhna - cha robh fios aige mu eisimpleir eile de thè dà-chànanaich.
"Tha i coltach ris an Rosetta Stone," thuirt Mgr Dòmhnallach.
"A chionn 's gu bheil i còrr is 200 bliadhna de dh'aois, agus sgrìobhte anns a' Ghàidhlig le eadar-theangachadh Bheurla air an taobh eile.
"'S urrainn dhuinn faicinn mar a bha Gàidhlig Siorrachd Pheairt ga h-eadar-theangachadh chun na Beurla."
Gàidhlig Siorrachd Pheairt
Bha a' Ghàidhlig ga bruidhinn air feadh Gàidhealtachd Siorrachd Pheairt suas chun agus anns an 20mh Linn.
A rèir nan cunntasan-sluaigh aig deireadh na 19mh Linne is toiseach na 20mh Linne, bha cuid de sgìrean mu thuath is siar far an robh eadar 60-80% de mhuinntir an àite ga bruidhinn.
Tha sgìre Mhaigh Eadh ga faicinn le cuid mar aon chrìoch de Ghàidhealtachd eachdraidheil Siorrachd Pheairt.
Ann an 1794, goirid às dèidh do Dhòmhnall MacGriogair a' chlach-uaighe a chur suas ann am Magh Eadh, bhathas ag ràdh gur e Gàidhlig prìomh chànan mhuinntir sgìre Chomraidh, ochd mìle chun an iar.
Ach mun aon àm, a rèir rannsachadh Pheadair Dhòmhnallaich is an Dtr Norval Mhic a' Ghobhainn, bha Ministear Pharaiste Craoibh air sgrìobhadh gur e Beurla neo Albais prìomh chànanan a' bhaile sin, beagan mhìltean deas air a' Mhagh Eadh.
"Fìor ghann"

Tha John Hearach Dòmhnallach gu math eòlach air clachan-uaighe tron obair aige mar chlachair
Tha clach Mhaigh Eadh am measg fìor ghlè bheag de chlachan-uaighe dà-chànanach ann an Alba.
"Tha iad gu math gann," a rèir John 'Hearach' Dhòmhnallaich, clachair a bha ri leasachadh chlachan-uaighe air feadh na dùthcha thairis air còrr is 40 bliadhna.
"Tha tòrr ann an Gàidhlig. Ach an fheadhainn a th' anns an dà chànan, glè bheag dhiubh a th' ann."
Thug John Hearach eisimpleir de thè a chunnaic e fhèin ann an Gèarrloch, a chaidh a chur suas mar luaidh air Uilleam Ros, maighstear-sgoile agus 'Bàrd Gheàrrloch' a chaochaill ann an 1790.
Cha b' ann gu 1850, ge-tà, a chuireadh a' chlach-uaighe suas, le taic bho bhuidhinn 'luchd-dùthcha' dha.

Eisimpleir eile de chloich-uaighe dà-chànanaich, faisg air An Àrchar ann an Earra-Ghàidheal
Clachan-uaighe dà-chànanach eile
Air ais ann an Siorrachd Pheairt, tha a' bhuidheann Àrc-Eòlas na h-Alba a-niste a' gabhail cheumanan gus a' chlach ann am Magh Eadh a leasachadh is dìon a chur oirre.
Còmhla ri feadhainn anns a' choimhearsnachd, tha iad a' coimhead ri clach-uaighe Mhaigh Eadh a chur mar phàirt de phròiseact 'Adopt a Monument'.
"Tha planaichean againn gus sgioblachadh a dhèanamh oirre," thuirt Anndra Jepson bhon bhuidhinn.
"Agus tha sinn ag amas air sgana 3D a thogail den chloich-uaighe cuideachd."
Bhiodh sgana den leithid ri lorg air-loidhne, còmhla ri fiosrachadh mun chloich.
Tha oidhirp cuideachd ann gus eisimpleirean eile de chlachan-uaighe dà-chànanach a lorg is a chlàradh.
A bharrachad air an tè ann am Magh Eadh, tha fios co-dhiù mun chloich ann an Geàrrloch agus tè eile faisg air An Àrchar ann an Earra-Ghàidheal.
A bheil sibh fhèin eòlach air feadhainn eile? Ma tha, tha Àrc-Eòlas na h-Alba agus cuideachd a' bhuidheann Urras Eaglaisean na h-Alba airson cluinntinn bhuaibh.
Dh'fhaodadh gu bheil barrachd na trì de na clachan-uaighe sònraichte seo nan seasamh fhathast.