Piseach aig dachaigh-cùraim Castlehill

- Air fhoillseachadh
Chaidh piseach a thoirt air gnothaichean aig dachaigh-cùraim Castlehill ann an Inbhir Nis, a rèir Buidheann-sgrùdaidh a' Chùraim.
Dh'fhoillsich a' bhuidheann litir, taobh a-muigh a' dearbhadh gu bheil na leasachaidhean a dh'iarr iad anns an aithisg mu dheireadh aca a-niste air an dèanamh.
B' e fìor dhroch aithisg a fhuair an dachaigh-cùraim na bu thràithe am-bliadhna, le casaidean de dh'an-iochd agus dearmad.
Fhuair rannsachadh a rinn tè-naidheachd a chaidh a dh'obair san dachaigh-chùraim gu dìomhair airson a' phrògraim Disclosure aig BBC Scotland, gun robh luchd-còmhnaidh ann a bha gu math troimhe-chèile tric, le cuid aca nan suidhe airson uairean de thìde ann an aodach no aodach-leapa a bh' air a shalachadh.
Thog i air boireannach a bha a' sgreuchail is luchd-obrach fireann a' toirt dhi cùraim phearsanta air sgàth gainnead de luchd-obrach, is dh'innis boireannach eile nach d' fhuair i cothrom air fras 'son cola-deug.
Thàinig air an tè-naidheachd ann an aon suidheachadh stad a chur air fireannach le dementia a bha gus coiseachd a-mach às an dachaigh.
Chaidh innse dhan dachaigh-chùraim air an 7mh là den Dàmhair gum feumadh iad cùisean a thoirt am feabhas gu mòr no gum faoidte toirt orra dùnadh.
Fhuair a' bhuidheann a-niste gun deach na leasachaidhean a dhèanamh a thaobh ìre a' chùraim a tha an luchd-còmhnaidh a' faighinn.
Rinn dachaigh-cùraim gearan oifigeil mu bhuidheann-riaghlaidh
- Air fhoillseachadh21 An Cèitean 2025
"Draghan mòra" air Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim mu ghoireas an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh19 An Cèitean 2025
A rèir an òrdugh a fhuair iad san Dàmhair, dh'fheumadh iad piseach a thoirt air mar a bha iad a' dearbhadh slàinte, sàbhailteachd agus sunnd an luchd-còmhnaidh, agus gum feumadh iad sin a làimhseachadh 's a chlàradh mar phàirt de phròiseas dealbhachaidh chùraim.
Thuirt Buidheann-sgrùdaidh a' Chùraim gu bheil iad a' cumail orra ag obair gu dlùth leis an dachaigh-chùraim airson dèanamh cinnteach gum bi na leasachaidhean maireannach.
"Tha sinn air fianais fhaicinn gun deach na leaschaidhean a bha a dhìth a dhèanamh, agus tha sinn fhathast fo ghealltanas gun obraich sinn còmhla ris a' chompanaidh chùraim a chùm a bhith cinnteach gum faigh luchd-còmhnaidh Castlehill cùram a tha a' freagairt air an cuid fheumalachdan, 's le spèis dha na roghainnean 's na còraichean aca fhèin," thuirt labhraiche às leth na buidhne-sgrùdaidh.
"Bidh sinn a' cumail sùil gheur air an dachaigh seo fhathast."
Tha dùil ri aithisg ùr iomlan a dh'aithghearr an dèidh an sgrùdaidh as ùire.