Gearan nach eil cùram cabhagach an là 's a dh'oidhche fhathast an Ospadal Phort Rìgh

Ospadal Phort Rìgh agus an còrr den bhaile bhon adhar
Fo-thiotal an deilbh,

Tha NHS na Gàidheltachd ag ràdh nach eil fìor nach eil cùram cabhagach ri fhaotainn an Ospadal Phort Rìgh fad an t-siubhail

  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-iomairt slàinte san Eilean Sgitheanach a' nochdadh dragh uair eile nach eil cùram cabhagach ri fhaighinn ann an Ospadal Phort Rìgh mar a chaidh gealltainn dhaibh.

'S e fear de mholaidhean Sir Lewis Ritchie a rinn aithisg air seirbheisean slàinte san Eilean Sgitheanach, Loch Aillse is Iar-Dheas Rois ann an 2018.

Thòisich NHS na Gàidhealtachd modail ùr airson cùram cabhagach a thoirt seachad làn-ùine san Lùnastal 2024.

'S e seirbheis a tha air a ruith le àrd-nurs (ANP) a th' ann is an NHS ag ràdh gum bu chòir do dhaoine an-còmhnaidh fònadh gu NHS 24 air 111 an toiseach.

Ach tha a' bhuidheann-strì SOS-NHS air draghan a thogail grunn thursan bho thòisich an t-seirbheis às ùr nach eil e ag obair mar bu chòir.

Tha iad ag ràdh a-nise gun do sheall fiosrachadh a fhuair iad fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh nach robh ANP san ospadal ach dà oidhche eadar toiseach na Dàmhair agus deireadh na Dùbhlachd an-uiridh.

Tha Niall Caimbeul bho SOS-NHS ag ràdh gur e an aon fhreagairt a gheibh iad nuair a bhios coinneamh aca NHS na Gàidhealtachd a h-uile trì mìosan.

"Tha iadsan an-còmhnaidh a' tionndadh mun cuairt agus ag innse dhuinn gu bheil cover ann san taobh tuath ach chan eil cover ann.

Niall Caimbeul
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Niall Caimbeul am measg luchd-iomairt a tha mì-thoilichte leis an t-seirbheis ann am Port Rìgh

"Tha seirbheis san Àth Leathann airson an Eilein Sgitheanaich, Loch Aillse agus Taobh Siar Rois cuideachd. Chan eil sìon sam bith anns an taobh tuath den Eilean," thuirt e.

Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gu bheil Ospadal Phort Rìgh a' tabhann cùram cabhagach 24 uairean sa là, seachd là san t-seachdain le measgachadh de luchd-obrach clionaigeach, an leithid ANP, luchd-obrach uàrd am Port Rìgh agus le bhith ag obrachadh cuide ri luchd-obrach Ospadal an Àth-Leathainn agus luchd-obrach na seirbheis eiridinn.

Thuirt iad cuideachd gu bheil leasachadh ga thoirt air an t-seirbheis agus gun deach ceannard sgioba gu dreuchd bho chionn ghoirid.

Trending Now