"Ceumannan beaga" le amas mòr Gàidhlig a neartachadh an Uibhist

Ceiteag NicDhòmhnaill, Oifigear Gàidhlig Uibhist
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Ceiteag NicDhòmhnaill air beachdan fhaighinn bho chòrr air 200 duine a thaobh mar a ghabhas a' Ghàidhlig a leasachadh an Uibhist

  • Air fhoillseachadh

Tha làrach-lìn ùr, taobh a-muigh aig an iomairt a tha a' brosnachadh dhaoine barrachd feum a dhèanamh den cuid Gàidhlig eadar Èirisgeigh agus Beàrnaraigh.

'S e prìomh amas Plana Gàidhlig is Coimhearsnachd Uibhist gum bi an cànan air a bruidhinn nas motha aig an taigh, san àite-obrach agus a-muigh sa choimhearsnachd.

Thuirt Oifigear Plana Gàidhlig Uibhist, Ceiteag NicDhòmhnaill: "Tha sinn ag iarraidh gum bi sinn a' toirt leinn a h-uile duine - luchd-ionnsachaidh, daoine aig a bheil an cànan, an òigridh - agus cothroman a thoirt do gach duine a bhith a' taghadh Gàidhlig seach Beurla far a bheil e freagarrach sin a dhèanamh."

Tha Ms NicDhòmhnaill air beachd fhaighinn bho chòrr air 200 duine airson an taic iarraidh na còig prìomh amasan aca a choileanadh:

  • Òigridh

  • Dualchas

  • Àite-obrach

  • Coimhearsnachd

  • Ìomhaigh na Gàidhlig

Suaicheantas Plana Gàidhlig is Coimhearsnachd UibhistTùs an deilbh, Plana Gàidhlig is Coimhearsnachd Uibhist

Thèid suaicheantas ùr a sgaoileadh gu diofar àitichean ann an Uibhist leis an teachdaireachd gur e làrach far a bheil taic ann dhan Ghàidhlig a bhith air a bruidhinn.

Thuirt Ceiteag NicDhòmhnaill: "Ceumannan beaga aig tòrr dhiofar dhaoine aig tòrr dhiofar bhuidhnean ann an tòrr dhiofar àitichean - thig ceum mòr a dhèanamh a thaobh na Gàidhlig ann an Uibhist air fad."

Tha iad a' brosnachadh dhaoine coimhead ris a' phlana agus taic a chur ris.

"Ma tha na daoine a' gabhail nan ceumannan beaga seo bho Èirisgeigh gu Beàrnaraigh nach ann an sin a bhios an neart leis a h-uile duine a' tarraing air an aon ràmh agus feuchainn ris an aon rud a dhèanamh."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Trending Now