Eileanaich is Èirinnich as motha an cunnart bhon 'Mhollachd Cheiltich'

Tha Anna Chaimbeul air a bhith a' fulang sgìths agus cràdh bho bha i na nighean òg
- Air fhoillseachadh
Tha boireannach à Leòdhas ag ràdh gur e faochadh mòr a bh' ann dhi nuair a fhuair i a-mach gur e tinneas gineach as coireach ri a droch shlàinte airson faisg air 40 bliadhna.
B' fheudar do dh'Anna Chaimbeul, 83, a rugadh ann an Lunnainn, a cuid obrach mar thidsear a leigeil seachad aig aois 44 leis nach robh fios aig dotairean dè bha ga fàgail cho sgìth agus ann am pian.
Fhuair deuchainn bho chionn dà bhliadhna gu bheil i le haemochromatosis - tinneas gineach ris an canar "a' Mhollachd Cheilteach" a fhuair i bho a h-athair a bha na Leòdhasach.
"Bha mi ga mo choireachadh fhèin agus bha mi daonnan a' smaoineachadh gun robh mi a' leigeil daoine sìos," thuirt i.
'S e tinneas gineach a tha ann an haemochromatosis a tha a' fàgail gum bi ìrean cunnartach de dh'iarann sa bhodhaig agus a dh'fhaodadh aillse grùthain agus tinneas nan alt adhbharachadh mura faigh daoine leigheas.
Fhuair rannsachadh a chaidh fhoillseachadh san iris Nature, taobh a-muigh gur e daoine le buntanas ris na h-Eileanan an Iar agus iar-thuath Èirinn as motha a th' ann an cunnart gun tig an tinneas orra.
Tinneas gun mhìneachadh
Chaidh a dhearbhadh gur e haemochromatosis a bh' air Ms Chaimbeul nuair a rinn an dotair aice deuchainn gineach goirid mus robh i 81 bliadhna de dh'aois.
Sheall sin gun robh i leis a' chamadh-ghine a fhuair i bho a h-athair agus cuideachd bho a màthair.
Cha robh càil a dh'fhios aig eòlaichean dè bha ceàrr oirre agus i air a bhith a' fulang le sgìths agus pian na fèithean on bha i òg.
"Dh'fhàs mi cleachdte ris a' chràdh, agus nach b' urrainn dhomh cumail suas ri mo cho-aoisean," thuirt i.
"Bha mi daonnan aon cheum air dheireadh agus chuir mi seachad tòrr ùine gam choireachadh fhèin."
Deuchainnean DNA dhan a h-uile Eileanach?
- Air fhoillseachadh14 An Gearran 2025
An ceangal eadar gine aillse broillich agus Arcaibh
- Air fhoillseachadh17 Am Màrt 2023
Thuirt i gur ann air èiginn a bhiodh i a' teagasg fad na seachdain, agus gum biodh i a' cadal tòrr tro làithean-saora na sgoile.
Mu dheireadh thall, bha i a' faireachdainn nach robh dol às aice ach a dreuchd a leigeil dhith agus thighinn a dh'fhuireach ann an Leòdhas far an d' fhuair i obair san roinn shaor-thoileach.
Nuair a fhuair i mìneachadh airson a droch shlàinte thuirt e gun robh e "na fhaochadh mòr".
"Cha robh e dìreach nam cheann agus cha b' e mo choire fhèin a bh' ann," thuirt i.
Sgrìonadh coimhearsnachd a dhìth a rèir eòlaichean
Tha dàta gineach còrr is 400,000 duine a chruinnich luchd-saidheans bho Oilthigh Dhùn Èideann a' sealltainn airson a' chiad uair na sgìrean far a bheil an camadh-gine as coireach ri haemochromatosis as cumanta am measg an t-sluaigh.
'S iad daoine le buntanas ri iar-thuath Èirinn as motha ann an cunnart gun tig haemochromatosis orra, agus tomhas ann gu bheil aon duine às gach 54 leis a' chamadh-ghine C282Y.
Tha iad a' tomhas gu bheil aon neach às gach 62 le ceanglaichean leis na h-Eileanan an Iar leis, agus aon duine às gach 71 an Èirinn a Tuath.
Thuirt an t-Ollamh Jim Flett Wilson, cathraiche gintinneachd daonna aig Oilthigh Dhùn Èideann: "Sheall sinn gu bheil an cunnart sna h-Eileanan an Iar agus Èirinn a Tuath nas àirde na bha sinn a' smaoineachadh roimhe, le timcheall air aon duine às gach 60 ann an cunnart, agus thig an tinneas air cha mhòr an dàrna leth dhiubh sin.
"Tha dearbhadh tràth a' ciallachadh nach fhàs daoine ro thinn agus gu bheil cùram sìmplidh - a' toirt seachad fala - ri fhaotainn."
Thuirt e: "Tha thìde ann sgrìonadh coimhearsnachd a dhèanamh sna sgìrean far a bheil an cunnart as motha, a dh'aithnicheas nas urrainn dhuinn de dhaoine leis a' ghine a dh'fhaodadh tinneas a ghabhas seachnadh adhbharachadh."

Fhuair BP nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, gun robh haemochromatosis air
Fhuair Torcuil Crichton, BP nan Eilean Siar a-mach ann an 2008 gun robh an tinneas air.
Dh'iarr esan cuideachd gum bi sgrìonadh ann, agus tha e a' moladh gum pàigheadh bònasan leasachaidhean ath-nuadhachail airson sin.
Thuirt e: "Chan e ceist dè chosgadh e ach dè chosgadh e gun a bhith a' dèanamh seo.
"Gun a bhith a' coimhead ris tha e ag adhbharachadh tinneas nad chridhe, nad adha, siatag agus tòrr rudan eile.
"Mar sin ma nì sinn na deuchainnean feuch cò air a tha a' ghine seo bhiodh e na b' fhasa cobhair a thoirt dhaibh.
"Tha sin gu math sìmplidh, dìreach a' toirt fala bhuat gus am bi an ìre de dh'iarann nad chorp aig ìre àbhaisteach, agus às dèidh sin tha beatha àbhaisteach agad," thuirt e.
Tha Mgr Crichton ag ràdh gum faodadh gun gabhadh sluagh nan Eilean Siar a bhith air a sgrìonadh airson an tinneis agus rudan eile leis cho beag 's a tha e.
Chaidh beachd iarraidh air Comataidh Sgrìonaidh Nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte.