"Chan eil mi cinnteach a bheil iad a' tuigsinn"

- Air fhoillseachadh
Tha BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, ag ràdh gum fàs e do-dhèanta do dh'eileanaich a dhol gu banca gun a bhith a' cleachdadh aiseig ma chumas bancaichean orra a dùnadh mheuran.
Sgrìobh Mgr Allan gu Buidheann Bancaidh Lloyds, an dèidh dhaibh innse gun dùin meur Bhaile a' Mhanaich de Bhanca na h-Alba anns an Iuchar - a thuilleadh air deich eile air feadh na dùthcha.
"Chan eil mi cinnteach gu bheil iad a' tuigsinn dè cho mòr 's cho sgapte 's a tha Uibhist," thuirt e.
"Mar eisimpleir bha iad a' dèanamh a-mach gu bheil banca eile ann san Eilean Sgitheanach, agus banca eile ann ann an Leòdhas - chan eil sin dha-rìribh a' cuideachadh duine sam bith ann an Uibhist a tha a' lorg banca."

Tha dragh air daoine agus gnothachasan ann an Uibhist nach fhaigh iad air airgead-pronn a chur gu banca nuair a dhùineas am meur ann am Baile a' Mhanaich.
Fàgaidh sin Uibhist le dìreach aon bhanca, Banca Rìoghail na h-Alba ann an Loch Baghasdail nach eil fosgailte ach dà là san t-seachdain.
Tha sin 26 mìle air falbh bho Bhaile a' Mhanaich, agus nas fhaide buileach, 52 mìle, à Beàrnaraigh sa cheann a tuath.
Tha bhana a' bhanca sin cuideachd a' dol air feadh Uibhist dà là san t-seachdain.
Dh'iarr Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, an Comh. Pòl Steele, an t-seachdain a chaidh air a' bhuidhinn beachdachadh a-rithist air a' cho-dhùnadh.
Thuirt Buidheann Bancaidh Lloyds gun robh iad a' brosnachadh barrachd dhaoine gu bhith a' cleachdadh an app bhancaidh aca agus thuirt iad gu bheil roghainnean eile ann leithid Oifis a' Phuist ann am bùth MhicIllInnein.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh24 Am Màrt 2022

- Air fhoillseachadh18 An Giblean 2024
